Cluich an taighe
Jump to navigation
Jump to search
Théid trì cearcallan móra an comharrachadh air an làr aig puingean triantain agus 's e na "taighean" a chanar riutha. Bidh aonan taobh a-muigh nan cearcall, an "gàidsear", agus ball 'na làmh. Tha càch eile ann an cearcall.
Tha aig càch ruith bho thaigh gu taigh agus fhad 's a bhios iad taobh a-muigh nan cearcall, feuchaidh an gàidsear am ball a thilgeil orra. Ma théid aige/aice am ball a thilgeil air neach, bidh e/i 'na "p(h)rìosanach" agus feumaidh e/i sgur dhen chluich agus seasamh air an taobh.
Feumaidh iad réiteachadh có mheud turas a tha aca ruith cuairt iomlan. Ma théid aig a' ghàidsear a h-uile duine a dhèanamh 'nam prìosanach, buannaichidh an gàidsear. Mura déid, caillidh an gàidsear.