Beagan Gàidhlig

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Gheibh thu criomagan Gàidhlig eadar-dhealaichte san roinn seo. Chan eil againn ach na sia roinnean a leanas ach bithidh sinn a' cuir ris mar a gheibh sinn stuth ùr. Briog air na ceanglaichean is thoir sùil air na tha ann. Ma tha thu a' smaoineachadh gum bheil rudeigin agad a bu chòir a bhith an-seo, nach sgrìobh thu thugainn is cuiridh sinn ann e!

Tha torr dhuan is beannachdan ann am beul-aithris na Gàidhlig airson suidheachaidhean eadar-dhealaichte. Tha feadhainn ann a tha co-cheangailte ris an aimsir, ri féilltean, rudan a thachras ort 'nad bheatha làitheil agus mar sin sìos. Tha fhios nach eil feum air a h-uile dhiubh am beatha nan daoine a tha beò an-diugh - ach tha feadhainn ann a ghabh cleachdadh latha an-diugh - fiù Duan na Nollaige air na cairtean a nì thu air do choimpiutair am bliadhna. Cha leig thu leas dol mun cuairt le "craiceann na caoraich" a "dh'ùrachadh na Callainne" (ge bu bhrèagha an sealladh!) ach tha sinn sinn an dòchas gun lorg thu feum annta.


This is an assortment of Gaelic odds and ends. At the moment there isn't a huge amount of stuff, but we'll keep adding to it. Click on the above links and see what's there. If you have anything you think should be added, do drop us a note and we'll add it to the site.

There are lots of rhymes and verses in the Gaelic tradition for all sorts of occasions. Some are tied to weather beliefs, holidays and things in everyday life. Naturally not all have an application in everyday life of people any more today, but some of them do - even if you just stick a Gaelic Christmas blessing on this year's Christmas cards. You do not have to go around with the "craiceann na caoraich" (sheepskin) to "Renew the New Year" (even though it would be quite a sight!) but we hope you will find some use for them anyway.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean


Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Bogsa-innealan
Ceanglaichean sòisealta