Conaltradh nam beathaichean

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

A' bhó

(The cow)

Mo laogh òg, mo laogh òg! My young calf, my young calf!

A' chaora

(The sheep)

Na loisg mo chnàimh, na loisg mo chnàimh! Don't burn my bones, don't burn my bones!

A' chearc ag iarraidh nead

(The hen looking to nest)

Gog i, gog à, càite an dèan mi nead?
Ma nì mi anns a' ghàrradh e,
Cha bhi fois no tàmh agam,
Gog i, gog à, càite an dèan mi nead?

Gog i, gog à, càite an dèan mi nead,
Ma nì mi anns a' chraoibh e,
Luaisgear leis a' ghaoith e,
Gog i, gog à, càite an dèan mi nead?

Gog i, gog à, càite an dèan mi nead,
Ma nì mi anns a' bhàthaich e,
Seasaidh a' bhó bhlàrach ann,
Gog i, gog à, càite an dèan mi nead?

Gog i, gog à, càite an dèan mi nead,
Ma nì mi an tom rainich e,
Thig an fheannag ghreannach air,
Gog i, gog à, càite an dèan mi nead?

Gog i, gog à, càite an dèan mi nead,
Nì mi sa chruaich-fheòir e,
Is bheir mi a-mach na h-eòin ann,
Gog i, gog à, sin far an dèan mi nead!
Cluck, cluck, where will I build a nest?

If I make it in the garden,
I will have neither rest nor respite,
Cluck, cluck, where will I build a nest?

Cluck, cluck, where will I build a nest?
If I make it in the tree,
It will shake in the wind,
Cluck, cluck, where will I build a nest?

Cluck, cluck, where will I build a nest?
If I make it in the stable,
The cow with the white spot will stand on it,
Cluck, cluck, where will I build a nest?

Cluck, cluck, where will I build a nest?
If I make it in a clump of bracken,
The ugly crow will get it,
Cluck, cluck, where will I build a nest?

Cluck, cluck, where will I build a nest?
I shall make it in the haystack,
And I will hatch my chicks there,
Cluck, cluck, that is where I shall build a nest!

A' chuileag agus an seillean

(The fly and the bee)

A' chuileag:
Teann a-nall, a sheillein ghreannmhoir,
Chum is gun cuir mi srann san àm seo,
Mun ghanndar a thàinig oirnn san àm seo,
A dh'fhàg sinn uile fann is fuar,
Gun phòr sa ghleann gun fhasgadh ann,
San gheamhradh a' tighinn oirnn le gruaim,
thig air ball is thoir dhomh do gheall,
Nach doir thu a theanntachd mise suas.

An seillean:
An tusa a' bhansgal a bhiodh ri dranndan,
Measg nam meangan air gach bruaich?
Gun dad 'nad cheann ach mire is dannsa,
Gun bhiadh gun annlann 'gan cur suas,
Thig gaoth nam beanntan a-nis gu feanntaidh,
Is pronnaidh i gach ball mar luath,
Is bidh mise san àm sin is gun nì gann dhomh,
le mil an t-samhraidh anns a' chuaich.

Am madadh-ruadh

(The fox)

An uair a thig an samhradh teth,
'S coma leam a bhith muigh no staigh,
Ach nuair a thig an geamhradh fuar,
'S an droch uair, nach do rinn mi taigh.

Am meann agus an t-uan

(The kid and the lamb)

Ars am meannan ris an uan,
Is ars an t-uan ris a' mheannan,
"Cha déid sinn dhan bheinn ud shuas"
Ars an t-uan ris a' mheannan,
"Air eagal a' mhadaidh-ruaidh,
Ars an t-uan ris a' mheannan,
"Chunnaic mis' e 's e air chuairt"
Ars an t-uan ris a' mheannan,
"Ag èaladh am measg nam bruach"
Ars an t-uan ris a' mheannan,
"'S ann a thug e orm-sa ruaig"
Ars an t-uan ris a' mheannan,
"Ach rinn mi an gnothach air le mo luathas"
Ars an t-uan ris a' mheannan.
Ars am meannan ris an uan,
"'S ann a tha bhuainn a dhol a mhire,
'S ann a tha bhuainn, is ann a tha bhuainn,
'S ann a tha bhuainn a dhol a mhire"
Ars am meannan ris an uan,
"'S ann a tha bhuainn a dhol a mhire."

An cat 's an luchag

(The cat and the mouse)

Thuirt an luchag anns an toll:
"Gu dé d' fhonn, a chait ghlais?"
Cat:
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò,
Càirdeas, comann is gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach,
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò.
Luchag:
B' eòlach sinn mun dubhan chrom,
B' àbhaist a bhith am bonn do chois!"
Cat:
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò,
Càirdeas, comann is gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach,
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò.
Luchag:
"Mharbh thu mo mhàthair an-dé,
Is thèarainn mi fhìn air éiginn ás!"
Cat:
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò,
Càirdeas, comann is gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach,
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò.
Luchag:
"Chuir thu ar teaghlach ás a chéill,
Is tha mi fhìn 'nan déidh gun taic!"
Cat:
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò,
Càirdeas, comann is gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach,
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò.
Luchag:
"Gus am faic mi an rathad réidh,
A chaoidh chan éignich thu mi a-mach!"
Cat:
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò,
Càirdeas, comann is gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach,
Falbhan ò hì, ri ill, ù ill ò.
Said the mouse in the hole:
"What are your intentions, grey cat?"
Cat:
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò,
Friendship, fellowship and love,
You can come outside,
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò.
Mouse:
"We knew about the crooked hook,
That used to be in the sole of your foot!"
Cat:
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò,
Friendship, fellowship and love,
You can come outside,
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò.
Mouse:
"You killed my mother yesterday,
And I hardly escaped myself!"
Cat:
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò,
Friendship, fellowship and love,
You can come outside,
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò.
Mouse:
"You drove our family out of their mind,
And here I am on my own left behind!"
Cat:
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò,
Friendship, fellowship and love,
You can come outside,
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò.
Mouse:
"Until I see the road clear,
You will never force me out!"
Cat:
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò,
Friendship, fellowship and love,
You can come outside,
Wandering about ò hì, ri ill, ù ill ò.

An cù bàn agus an cù luideagach

(The white dog and the scruffy dog)

"Daobhan, dòbhan" arsa an cù bàn,
"Nach minig a bha mi" arsa an cù bàn,
"A' cagnadh chnàmhan" arsa an cù bàn,
"Air cùl a' ghàrraidh" arsa an cù bàn.

"Mise a bhith cuide riut" arsa an cù luideagach.

"Daobhan, dòbhan" arsa an cù bàn,
"Mo mhaighstir gràdhach" arsa an cù bàn,
"A bha rium cho bàidheil" arsa an cù bàn,
"Is a bheireadh mo shàth dhomh" arsa an cù bàn.

"Mise a bhith cuide riut" arsa an cù luideagach.

"Daobhan, dòbhan" arsa an cù bàn,
"Gach biadh a b' fhearr leam" arsa an cù bàn,
"Pailteas is ri a fhàgail" arsa an cù bàn,
"De dh'fheòil is de bhuntàta" arsa an cù bàn.

"Mise a bhith cuide riut" arsa an cù luideagach.

"Daobhan, dòbhan" arsa an cù bàn,
"Dh'fhalbh an latha sin" arsa an cù bàn,
"Mi nise cho cràidhteach" arsa an cù bàn,
"Cha b' ionnan is mar a bha mi" arsa an cù bàn.

"As truaighe a bhi cuide riut" arsa an cù luideagach.

"Diurra, dòbhan" arsa an cù bàn,
"Mharbh am bròn mi" arsa an cù bàn,
"Is mi air an àirigh" arsa an cù bàn,
"A' gléidheadh na càise" arsa an cù bàn,

"'S truagh a bhith cuide riut" arsa an cù luideagach,

"Diurra, dòbhan" arsa an cù bàn.

An eala

(The swan)

Guile, guile, guile, guile, mo chasan dubha,
Guile gì, guile gì, 's mi fhìn cho geal,
Guile gò, guile gò, turas mo dhunaidh a thug mi a dh'Éirinn,
Guile gò, guile gò, spùinneadh mo chulaidh,
Guile gò, guile gò, struidheadh mo léine,
Guile gò, guile gò, lotadh mo chéile, leònadh mo phiuthar,
Guile gò, guile gò, mùirneag na féille,
Guile gò, guile gò, leònadh mo bhràthair, 's mo mhàthair chan éirich,
Sgeul mo mhulaid, a thug mise a dh'Éirinn, mar dhealaich sinn, mar dhealaich sinn,
Gu bhi gì, gu bhi gò, guth na h-eala, guth an eòin,
Gu bhi gì, gu bhi gò, guth na h-eala air an lòn.

An damhan-allaidh 's a' mheanbh-chuileag

(The spider and the midge)

Thuirt damhan-allaidh ri cuileag latha,
Ó tiugainn leam dhachaidh, a mheanbhag bhrèagha,
Tha grian gheal an t-samhraidh a' danns' air mo thaigh,
Tha ithe is òl ann, nach suidh thu a-staigh?

Thuirt a' chriomag gun chiall, a' coimhead a-staigh,
'S tusa cridhe na féille 's brèagha do thaigh,
Ach theirear gum bi thu 'g ithe 's ag òl,
Meanbhagan mar mhise eadar aran is feòil.

Thuirt an damhan-allaidh, 's e a bha glic,
'S e breug mhór, air m' ainm, an sgeul sin a mhic!
Tha muiltfheoil, tha mairtfheoil is bainn' an-seo,
'S an té a bhiodh marbh, dhèanar dian-mhear is beò.

Bha a' mheanbhag meallta, le còmhradh mar sin,
Thuirt i "Tha mi sàsta, 's tu cho binn,
Ach chan fhuirich mi fada" 's chaidh i a-steach,
Ach cha chualas fhathast gun dàinig a-mach.

An losgann

(The frog)

A chaomhag, a chaomhag,
An cuimhne leatsa an gealladh beag,
A thug thu aig an tobar dhomh?
A ghaoil, a ghaoil!

An t-each

(The horse)

Chì mi a-nochd thu, chì mi a-nochd thu!

An t-isean deireadh linn

(The youngest chick)

Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith,
'S truagh nach robh mi fhathast,
Far an robh mi roimhe,
Gheibhinn biadh is deathach,
Is laighe air maide-ruing
Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith.

Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith,
'S mise am fear as òige,
Gun itean orm ach clòimhteach,
Nam biodh biadh 'nam sgròban,
Cha bhiodh bròn 'gam chlaoidh,
Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith.

Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith,
Ged a bhiodh gràn sa chiosan,
Cha leig iadsan mise ann,
Is ann a thig iad orm gun fhios dhomh,
Is gribidh iad mo dhruim,
Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith.

Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, a thogadh anns an t-sùith,
Ach nuair a thig am buntàta oirnn,
Gheibh mise an-sin mo shàth dheth,
Is fàsaidh mi cho làidir,
'S nach bi càch cho dalma
Giog, gàg, isein! Mise mac na circe!
Giog, gàg, isein, is mithich dhomh a bhith falbh!

Caismeachd na cuthaige

(The cuckoo's alarm)

Gug gùg a choilich air gheug,
Chan fhaca mi an-diugh thu no an-dé,
Gug gùg a choilich bi falbh,
Tha sealgair na doire seo searbh,
Gug gùg a choilich bi falbh,
Tha cearc air an fharadh is i marbh,
Gug gùg a choilich air gheug,
"Théid mise" arsa an gocan "'nad dhéidh!"
Cuckoo, cock on the branch,
I haven't seen you today or yesterday,
Cuckoo, run away oh cock,
The hunter in this forest is harsh,
Cuckoo, run away oh cock,
A dead chicken is on the horizon,
Cuckoo, run away oh cock,
"I will go" said the

Conaltradh nan eun

(The birds' conversation)

"Fàg, fàg" arsa an fheannag,
"'S e mo mhac-sa an garrach donn!"

"Gòrach, gòrach" arsa an ròcais,
"'S e mo mhac-sa an garrach gorm!"

"Gròc, gròc" arsa am fitheach,
"'S e mo mhac-sa a chreimeas uain!"

"Glidheag, glidheag" arsa an fhaoileag,
"'S e mo mhac-sa an daoth mór crom!"

"Gliog, gliog" arsa an iolair,
"'S e mo mhac-sa as tighearna oirbh!"

Crònan a' chait

(The cat's lullaby)

"Falbhan na h-oidhche, falbhan na h-oidhche,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas,
"Falbhan na h-oidhche, gun solas gun soillse,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas.

"Obair a thogadh mo chridhe le aoibhneas,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas.
"A' sealg 'nam aonar am frògan nan saibhlean,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas.

"Na luchain bheag gionach,
A tha a' fuireach san àite,
A bha a-riamh ris a' chreimeadh,
Is a' milleadh na dh'fhàg iad,
Fhad is a mhaireas na dubhain,
A tha falaichte 'nam spàgan,
Théid ruaig air a' ghràisg ud,

Chun nam blàran a-muigh,
Seo an sealgair gun ghiorag,
An gille neo-sgàthach,
Fear-faire na h-oidhche,
A chlaoidheas gach mèirleach,
Is a smàdas gach luch,

"Falbhan na h-oidhche, falbhan na h-oidhche,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas,
"Falbhan na h-oidhche, gun solas gun soillse,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas.

"Obair a thogadh mo chridhe le aoibhneas,
Falbhan na h-oidhche" arsa an cat glas.
"Wandering in the night, wandering in the night,
wandering in the night" said the grey cat,
"Wandering in the night, without light and brightness,
wandering in the night" said the grey cat.

"A work that lifts happiness in my heart,
wandering in the night" said the grey cat.
"Hunting on my own in the dark corners of the stables,
wandering in the night" said the grey cat.

"The greedy little mice,
who live in this place,
Who are always nibbling,
And spoiling what they leave,
As long as the hook will last,
That is hidden in my paw,
That rabble will be chased,

Out to the fields,
This is the fearless hunter,
The lad without shadow,
Watchman of the night,
Who overcomes every thief,
And scares every mouse,

"Wandering in the night, wandering in the night,
wandering in the night" said the grey cat,
"Wandering in the night, without light and
brightness, wandering in the night" said the grey cat.

"A work that lifts happiness in my heart,
wandering in the night" said the grey cat.

Crònan na muice-mara

(The whale's lullaby)

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
Mi 'nam shuidhe air cloich an starrain,
Ag éisdeachd ri ròd a' cladaich,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
Chì mi barr nan tonn ag éirich,
Is iad cho geal ri canach sléibhe,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
Siubhlaidh i na glinn as doimhne,
Is i a' snotadh sròn na gaoithe,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
Ged a bhiodh gaoth gu cruaidh a' séideadh,
'S tuinn a' chuain le fuaim a' bheucaich,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
Sgapadh i an fhairge mun cuairt dhith,
Is sheòladh i measg gàirich stuaghan,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò,
A-riamh chan fhacas sgraing bho a h-aodann,
Nuair bu ghairge colg nam faoilleach,

Chu sil ì, chu sil ò, chu sil ì, chu sil ò.

Guthan nam beathaichean

(The voices of the animals)

Chuala mi comhart aig an doras,
Có a rinn an comhart aig an doras?
Rinn an cù an comhart aig an doras.

Chuala mi geum anns a' bhàthaich,
Có a rinn an geum anns a' bhàthaich?
Rinn a' bhó an geum anns a' bhàthaich.

Chuala mi sitir anns an stàball,
Có a rinn an sitir anns an stàball?
Rinn an t-each an sitir anns an stàball.

Chuala mi gogail anns an t-sabhal,
Có a rinn a' ghogail?
Rinn a' chearc a' ghogail anns an t-sabhal.

Chuala mi mèilich air a' chnoc,
Có a rinn a' mhèilich?
Rinn a' chaora a' mhèilich air a' chnoc.

Chuala mi meigeadaich anns a' chreig,
Có a rinn a' mheigeadaich anns a' chreig?
Rinn a' ghobhar a' mheigeadaich anns a' chreig.

Chuala mi langan air a' bheinn,
Có a rinn an langan air a' bheinn?
Rinn am fiadh an langan air a' bheinn.

Chuala mi ceilear binn air a' gheug,
Có a rinn an ceilear binn air a' gheug?
Rinn an smeòrach ceilear binn air a' gheug.

Chuala mi guileag air an loch,
Có a rinn a' ghuileag air an loch?
Rinn an eala a' ghuileag air an loch.

Chuala mi gròc anns a' ghleann,
Có a rinn an gròc anns a' ghleann?
Rinn am fitheach dubh an gròc anns a' ghleann.

Chuala mi srann air a' mhachair,
Có a rinn an srann air a' mhachair?
Rinn an seillean srianach an srann air a' mhachair.
I heard a bark at the door,
Who was is that barked at the door?
The dog barked at the door.

I heard a moo in the stable,
Who was it that mooed in the stable?
The cow mooed in the stable.

I heard a neigh in the stable,
Who was it that neighed in the stable?
The horse neighed in the stable.

I heard a cluck in the barn,
Who was it that clucked in the barn?

The hen clucked in the barn.

I heard a bleat in the hill,
Who was it that bleated on the hill?
The sheep bleated on the hill.

I heard a bleat on the rocky hill,
Who was it that bleated on the rocky hill?
The goat bleated on the rocky hill.

I heard a lowing on the mountain,
Who was it that lowed on the mountain?
The deer lowed on the mountain.

I heard a sweet warble on the branch,
Who was it that warbled sweetly on the branch?
The thrush warbled sweetly on the branch.

I heard a honk on the loch,
Who was it that honked on the loch?
The swan honked on the loch.

I heard a caw in the glen,
Who was it that cawed in the glen?
The raven cawed in the glen.

I heard a buzz on the machair,
Who was it that buzzed on the machair?
The striped bee buzzed on the machair.

Na h-eòin anns a' chlosach

(The birds in the dead body)

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

'S ann an-sin a ghlaoidh an fhaoileag,
'S i a' creimeadh anns a' mhodail,
"A bheil an fheòil seo daor,
No am faod sinn teannadh rithe?"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

Thuirt an fheannag ghrànnda,
'S i daonnan gob as dàine,
"Tha an fheòl seo gun a pàigheadh,
Nì nach nàrach leinne!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

Thuirt an clamhan ròiceach,
'S e a' cur car 'na sgròban,
"Itheamaid gu leòr dhith,
Bidh an corr ri tighinn!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

Thuirt an ròcais, is gleus oirre,
"'S coma leam ur féist,
Fàgam agaibh fhéin i,
Chum cha teum is mise!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

"A' chlosach cumaibh bhuam i,
Leam cha shògh a cnuasachd,
Sìol an eòrna mo luaidh e,
'S a bhith mun sguaib 'ga spioladh!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

An-sin thuirt an calman,
"Bithibh bìth 'nur seanchas,
'S mithich sgur do ur mealghan,
Is sealgairean a' tighinn!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

Cualas guth an dreallain,
"Fàsaidh an fheòil gann orra,
Is tòisichidh an aimhreit,
Mur bi cnàmh ri chreimeadh!"

'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach,
Air an lothaig ghrinn, thug i dhaibh an t-sitheann,
'S ann a tha an còmhradh binn aig an fhitheach.

Na losgainn ri chéile

(The frogs to each other)

An do nigh thu do chasan?
Nigh!
Cha do nigh!
Nigh!
Cha do nigh!
Nigh!
Cha do nigh!
Did you wash your feet?
Yes!
No!
Yes!
No!
Yes!
No!



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean