Amalaidhean-cainnte

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
(Air ath-sheòladh o Amalaidhean cainnte)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

A

Abair Mac an Aba gun do chab a ghobadh. Say MacNab without pursing your lips.
Abair ibear abair gun do chab a dhùnadh. Say ibear-abair without closing your mouth.
Am faca tu 'm bacach,
no 'm faca tu 'mhac,
chan fhaca mi 'm bacach,
's chan fhaca mi 'mhac,
ach nam faicinn-sa 'm bacach,
no nam faicinn-sa 'mhac,
cha bhagrainn air a' bhacach,
's cha bhagrainn air a mhac.
Did you see the cripple,
Or did you see his son,
I didn't see the cripple,
Nor did I see his son,
If I see the cripple,
Or if I see his son,
I won't threaten the cripple,
nor will I threaten his son.
Arsa Doug beag bog: rug gob beag bog gogag bheag bhog. Little soft Doug said: a small soft beak caught a small soft silly woman.

B

Baraill am broinn baraille 's baraill Bail' Ailein. A barrel in a barrel and the barrel of Baile Ailein.
Bha bean aig Joe,
's bha banjo aig Joe,
's bha banjo aig bean Joe,
b' fhearr Joe air a' bhanjo gun deoch,
na bean Joe air a' bhanjo gun deoch.
Joe had a wife,
And Joe had a banjo,
And Joe's wife had a banjo,
Joe was better on the banjo without a drink,
Than Joe's wife was on the banjo without a drink.
B' e sin urras gun earras mis' a dhol an urras ort-sa. It would be surety without capital for me to stand surety for you.
Bha neach a' dol air turas. Ruith a choimhearsnach 'na dhéidh is dh'innis e dha mu thubaiste a thachair. Dh'fhreagair am fear eile 'na chabhaig mar seo:

Bàth an àth, mas e m' àth-sa i,
Bhàthainn-sa i, nam b' e d' àth-sa i.
A man went on a trip. His neighbour ran after him to tell him about an accident. The other one answered the following in haste:
Extinguish the kiln, if it is my kiln,

If it was your kiln, I would extinguish it.
Bithidh an luaithreachan luaithre 'na uallachan gille. The little active one in the ashes will be a jaunty boy.

C

Chac cearc air an sparr,
pàirt dheth dubh is pàirt dheth bàn.
A hen shat on the spar,
part of it black and part of it white.
Cailin dubh á Eòrabus,
cailin donn an Càrabus,
cailin chridheil Uisge an t-Suidhe,
's pioraidean Charainne.
A black-haired girl from Eorabus,
a brown-haired girl in Carrabus,
the cheerful girl of Uiskentuie,
and the pirates of Carainne (?).
Cat bruc breac donn,
cat cam cam-earblach,
a h-aon deug de chait bhruca bhreaca dhonna,
cait chama cham-earblach.
A dark grey and brown spotted cat,
a crooked tailed cat,
eleven of dark grey and brown spotted cats,
crooked tailed cats.
Cat dubh breac donn,
cat crom cam-earballach,
trì chait dheug de chait dhubha bhreaca dhonna,
cait chroma cham-earballach.
A black and brown spotted cat,
a bent crooked tailed cat,
thirteen black and brown spotted cats,
bent cats with crooked tails.
Cha robh laogh ruadh luath riamh 's cha robh laogh luath riamh reamhar. A brown calf was never swift and a swift calf was never fat.
Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. There has never been a broad grey fat ram.
Cha snàth mo mhnatha-sa e ach is snàth do mhnatha-sa e. It isn't my wife's thread but your wife's thread.
Chleachd a' chearc dhubh a bhith 'breith anns a' chliabh
agus chleachd a' chearc liath 'bhith 'breith anns a' chrodh.
The black hen used to lay in the basket
and the grey hen used to lay in the cattle fold.
Cù dubh stubhach, cù dubh gun earball. A short-tailed black dog, a dog without tail.

D

Dà chloich air muin cloich agus clach air trì clachan. Two stones on top of a stone and a stone on three stones.
Dà iolair air iolainn, iolair fhireann 's iolair bhoireann. Two eagles frolicking, a male eagle and a female eagle.
Dh'ith damh dubh ugh amh air nèamh. A black oxen ate a raw egg in heaven.
Donnchadh Mòr is an cù is an cat
is a bhrù air at cho mòr ri poit
is a phìob làn tombaca 's e feadaireachd.
Big Duncan and the dog and the cat
and his belly swollen immensly
and his pipe full of tobacco and him whistling.

F

Faca tu saor an t-sàbhaidh,
faca tu sàbh an t-saoir,
faca tu saor an t-sàbhaidh,
saor an t-sàbhaidh, sàbh an t-saoir.
Did you see the joiner of the sawing,
did you see the saw of the joiner
did you see the joiner of the sawing
the joiner of the sawing, the saw of the joiner.
Fàd bog, fada bog, fàd bog mònach. A soggy peat, long and soggy, a soggy peat of turf.
Foghnaidh salann salach air ìm ròineagach. Dirty salt will do for hairy butter.

G

Ged a bhuaileadh tu an gràinne, cha ghabh an gràinne gràin ort. Even should you strike the grain, the grain won't hate you.
Ged a mholadh tu am mol, chan fhàs am mol molach. Even though you praise the shingle beach, the shingle beach won't become hairy.
Gheibhear laogh breac ballach,
aig taigh gach àirighe,
latha Fhéill-Pàdraig earraich.
One will get a speckled and spotted calf,
At every shieling-house,
On St. Patrick's Day in spring.

I

Iasad cailliche gun diasan, iasad as fhas' iarraidh. The loan of an old woman without ears of corn, the loan easiest to ask.
Iolairean air iodhlann, iolair fhireann, iolair bhoireann. Eagles in an enclosure, a male eagle, a female eagle.
Is coma leam comann gillean na géire,
mura b' i 'n toiseach searbh,
gu dearbh bithidh an deireadh.
I dislike the company of sarcastic lads,
If the beginning isn't bitter,
The end certainly will be.
Itean na circe bric' ann an lite mo sheanmhar The feathers of the speckled hen in my grandmother's porridge

L

Iarr air duine nach cuir [ ʃ ]
eadar rt seo a ràdh ach gun a bhith a' cur [ ʃ ] ann

Latha dhomh 's mi falbh le mart,
thòisich mi ri gabhail port,
nuair a chual' am mart am port
theab am mart mo mhurt.
You have to ask a speaker who inserts [ ʃ ] between into words with rt
to say this without inserting the [ ʃ ].

One day when I was off with the cow,
I started to hum a tune
and when the cow heard the tune
it almost killed me.

M

Ma dh'itheas tu cridhe an eòin, bithidh do chridhe air chrith ri do bheò. If you eat the bird's heart, your heart will quaver for the rest of your life.
Mar chù ag òl eanraich tha ainmean chloinn
GhilleEathain, Eachann Lachainn,
Eachann Lachainn, Eachann Lachainn, Teàrlach.
Like a dog lapping soup are the names of the children
of MacLennan, Hector Lachy,
Hector Lachy, Hector Lachy and Charles.
Mas i d' àth i,
bàth i,
bàthaidh mis' i,
mas i m' àth i
If it's your kiln
Extinguish it,
I'll extinguish it,
If it's my kiln

N

Nì dubh-bhreac an locha suain
ach bithidh sàr bhreac an t-srutha a' sìor leum.
The black trout of the loch will sleep
but the superior salmon of the stream will keep on leaping.

O

Oidhche shoilleir thioram agus oidhche thioram shoilleir. A bright dry night and a dry bright night.

R

Rolag is bloigh rolaig' agus rolag shlàn. A roll and a bit of a roll and a whole roll.
Rolag is bloigh rolaige, trì rolagan air guit. A roll and a bit of a roll, three rolls on a winnowing-fan.

S

Sama-Laman, Sama-Laman, taigh mòr Shama-Lamain. Sama-Laman, Sama-Laman, the great house of Sama-Lamain.
Siud an cliabh san do chleachd a' chearc bhreac a bhith breith. That's the basket in which the spotted hen used to lay.
smeur-dhubh bhog abaich dhubh A black mellow ripe blackberry

T

Tha ceann-tughaidh aig trì taighean a tha shìos aig taobh an tuinne. The three houses down by the wave have a straw thatch.
Tha gob fada air a' bhudagoc, tha am budagoc gun ghob. The woodcock has a long beak, the woodcock has no beak.
Tha ite na circe bric' ann an ciste mo sheanmhar. The feather of the spotted chicken is in my grandmothers chest.
Tha itean na circe bric' ann an seotal ciste mo sheanmhar. The feathers of the spotted chicken are in the paper-compartment of my grandmothers chest
Tha nead na circe bric' ann an ciste mo sheanmhar. The nest of the speckled hen is in my grandmother's chest.
Tha toll air còta a' chòcaire, feumaidh an còcaire a chòta a chàradh The cook's coat has a hole, he must fix his coat
Thoir am bòrd á beul na poit is cuir am beul na poit e. Take the lid from the mouth of the pot and put it in the mouth of the pot.
Thoir do "ghun-robh-math" dhan choileach. Give your "best wishes" to the cockerel.
Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall ceann Loch Strollamaraig. To go around the head of Loch Trolmaraig three times without going astray.
Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall imleag meanbh-chuileig. To go around a midges belly-button three times without going astray.

U

Ubhal bog abaich dubh,
's ubhal dubh bog abaich
A soft ripe black apple,
and a black soft ripe apple.
Uisge blàth bog a' tighinn á gob a' cheatail. Warm soft water coming from the kettle spout.
Uisge blàth bog a' tighinn á gob a' choire. Warm soft water coming from the kettle spout.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean