Seann-eòlas

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Susbaint

A' chailleach as cumhachdaiche

Có a' chailleach as cumhachdaiche a tha air an t-saoghail?

An geamhradh

A' sgoltadh fiodh

Ciamar a sgaoiltear fiodh?

Gach fiodh air a bhàrr,
ach an fheàrna air a bun

A' taghadh bean

Ciamar a thaghar bean

A mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
Na tagh na dubha móra no na donna mala,
Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
No meall air muineal, no cnap air slugan,
No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.

A' taghadh bean

Ciamar a thaghar bean

Na pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
Na pòs maoltach thràghad,
Na pòs glag air gàrradh,
Is na pòs maighdean Sàbaid,
Ach pòs bean bheag odhar,
'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
Fuath aice air fir an t-saoghail,
Agus gràdh aice air a fear féin.

A' taghadh each

Ciamar a thaghadh tu each?

Mar shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim, dosach anns an earball;
Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus biorach anns a' chluais
Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus bog anns a' bheul.

Adag seach cuiteag?

Ciamar a dh'aithnichear adag seach cuiteag?

Ball dubh air an adaig
is earball fada air a' chuiteig

Agh MhicBharais

Ciamar a thaghadh MacBharais agh?

E a bhith leathann os a chionn,
Goirid an dà shùil am beul,
Gaoisid dualach tiugh is i dlùth,
Gun a bhith bho ghlùin ach réis,
Adharc fhada, gorm, no dearg,
Speir mholach, leathann, gharbh,
Bhitheadh e searbh mura bitheamaid réidh.

Ainmhidhean 's an cuid àl

Dé cho fada is a ghiùlaineas ainmhidhean an àl?

Trì mìosan cù, cóig bho lethcheud cat,
is ionnan bean is bó, bliadhna mhór dhan each.

Aiseag an t-Sionnach, na goibhre is an fheòir

Cha b' urrainn am fear-aiseig a thoirt leis ach aon air gach turas, agus nam fàgadh e leotha fhéin iad, dh'itheadh an sionnach a' ghobhar is dh'itheadh a' ghobhar am feur. Ciamar a chaidh aige air an giùlan?

  • Thug e a' ghobhar a-null an toiseach is dh'fhàg e an sionnach agus am feur. Thill e an-sin a dh'iarraidh an t-sionnach agus air dhà aiseag, thug e leis a' ghobhar air ais agus dh'fhàg e i. Dh'aisig e a-nis am feur a dh'fhàg e còmhla ris an t-sionnach agus thill e a dh'iarraidh na goibhre.

Aiseag nam fear is nam mnathan

Bha sianar a' sireadh aiseig tha caolais, triùir fhear agus am mnathan. Cha robh ri a fhaighinn ach coit bheag nach dugadh leithe ach dithis aig an aon àm. Bha na fir ag eudach air chor is nach faodadh aon dhiubh a bhith air a fhàgail ach le a mhnaoi fhéin. Ciamar a fhuair iad a-null?

  • Chaidh dithis bhan a-null an toiseach. Thill aon, agus thug i a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhan i maille ri a fear fhéin. Chaidh an-sin an dithis fear eile a-null. Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh nam mnathan eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a fir fhéin. Mar sin, fhuair iad uile a-null.

Am beathach a ghiùlain an t-eallach a bu luachmhoire

Có am beathach a ghiùlain an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.

An t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa

Am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire

Có am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.

An t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa

Am beul as eagalaiche

Có am beul as eagalaiche?

Beul na h-oidhche

Am beul as solasaiche

Có am beul as solasaiche a tha air an t-saoghal?

Beul an latha

Am marbh a' tìodhlacadh nam beò

Ciamar a thìodhlaiceas am marbh am beò?

smàladh teine

An gille 's an nighean

Dh'fhaighnich gille de nighinn agus i aig uinneig fhosgailte, cuine a rachadh i leis air chuairt, is fhuair e an fhreagairt a leanas:

An uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a' ghlainne,
Agus a chuireas mi am marbh a tìodhlacadh a' bheò

Chaill e a dòchas an uair sin, seòl e thairis agus air dhà tilleadh an ceann trì bliadhna, chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i idir toilichte. Chuir seo smuairean air agus chaidh e a choimhead oirre agus fhuair e fuasgladh air na facail mar seo:

Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhòrd,
A dhùininn an uinneag,
Agus a smàlainn an teine.

Cha do chum sin fada mise, ged a bha thusa mì-fhoighidneach.

An t-each is an làir

Có an t-each is an làir nach facas a-riamh a' treabhadh?

Each-uisge is làir-mhaide

An triùir mharbh as bòidhche

Ciod iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?

Breac geal, coileach dubh is leanabh beag

Ceithir aoisean an duine

Ciod iad ceithir aoisean an duine?

fichead bliadhna a' teachd, fichead bliadhna chum math, fichead bliadhna a' meath, fichead bliadhna gun rath.

Coltas nàire air an uaireadair

Ciamar a tha coltas nàire air an uaireadair?

Tha a dhà làmh daonnan air a aodann

Crann sa choille

Có mheud crann a tha anns a' choille?

A dhà, eadhon ùr agus sean

Dé an tinneas as fhearr

Dé an tinneas as fhearr na an t-slàinte?

Breith

Dé as brisge na currabhallan

Dé as brisge na currabhallan?

Aigne mnatha eadar dithist fhear

Dé as fheàrr do laoch?

Dé as fheàrr do laoch?

Gnìomh àrd is uaill ìseal

Dé as fhearr do mhnaoi?

Dé as fhearr do mhnaoi?

Tlàths

Dé as fhearr do rosg

Dé as fhearr do rosg mnatha?

Fuachd, dorchdas is cadal

Dé as géire

Dé as géire na an claidheamh?

Ciall mnatha eadar dithist fhear

Dé as fhearr na seudan?

Dé as fhearr na seudan?

Sgian

Dé as gile

Dé as gile na sneachd?

Fìrinn

Dé as lìonmhoire

Dé as lìonmhoire na feur?

Driùchd

Dé as luaithe

Dé as luaithe na a' ghaoth?

Mac-meanmna mnatha

Dé as maoithe na clòimh?

Deàrn ri leacainn

Dé as mìlse

Dé as mìlse na a' mhil?

Briathran suiridhe

Dé as miosa

Dé as miosa de bhiadh?

Blianach is òl mil-deoch air a' chiad longadh

Dé as seirbhe

Dé as seirbhe na an nimh?

Achmhas nàmhaid

Dé as teotha

Dé as teotha na an teine?

Gnùis duine mhath air an dig aoighean
is e gun bhiadh gun deoch

Deoch-slàinte

Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a' mhinig a thàinig.

Am fear a bha ise a' sireadh, thréig e i,
agus cha dug i a spéis dhan fhear a bha 'ga sireadh

Dòmhnall Gorm a' taghadh bìrlinn

Ciamar a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?

Leagail bheag is togail bhog,
Snìomh fhada 'na goid is i gun tuim,
Sliasaid agus gualann chruinn,
Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
Is a dhà thrian de leud 'na tòin.

Fiacaill air a dhìochuimhneachadh?

Ciamar a tha fiacail a chaidh a tarraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?

Dh'fhalbh i ás a' cheann

Fionn agus Dubhan

Thachair Fionn le buidheann anns an robh ceithir duine deug air Dubhan aig an robh an àireamh cheudna agus rinneadh deasachadh airson stréipe air ball. An-sin dh'àithn aon dhen chuideachd gum bu chubhaidhe suidhe aig cuirm mu bhòrd chruinn agus iad a bhith air am measgachadh a-réir is mar a shònraicheadh Fionn. Bha iad uile ri suidhe agus an déidh na cuirme bha e air a chur mar fhiachan air Fionn tòiseachadh air an cùnntas timchioll a' bhùird agus gach naoidheamh fear òrdachadh chum bàis. Chaidh sin a dhèanamh air dòigh cho seòlta is gun do mhearbhadh Dubhan agus a luchd leanmhainn uile, ged nach do chaill Fionn fiù a h-aon. Ciamar a chaidh aige air?

Ceathrar fhear fionn 'nan suidhe air thùs,
A laoidheadh air mheamhair ri am bàs,
Cóignear fhear dubha 'nan dàil,
De dhearbh luchd cogaidh le Dubhan,
Dithis bho MhacCumhail nam buadh,
Agus aon bho Dhubhan dreach ruadh,
Triùir bho Fhionn as àille dreach,
Agus aon bho Dhubhan diùramach,
Cha do shuidh Fionn anns a' bhrùgh bhàin,
Gun dithis dubha air aon làimh,
Dithis eile 'nam fochair-san,
De mhuinntir Fhinn á Albainn,
Triùir dhubha le Dubhan dil,
Agus aon fhear fionn 'nam fochair-san,
Dà chomhlaochan dubh 'nan dàil,
Agus cha b' uilear dhà neach eile.

Leabaidh an t-slaodaire

Ciamar a tha leabaidh an t-slaodaire ro ghoirid dha?

Tha e ro fhada innte

Long ri gach luchd

Dé is long ri gach luchd?

Teanchair gobhainn

Mac-talla

Ciamar a tha mac-talla coltach ri boireannach?

Bidh am facal mu dheireadh aige
ge b' oil leat

MacCormaig a' taghadh bean

Ciamar a thaghadh MacCormaig bean?

Pìobaire na tobhta, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Meall air slugan is guc air sgòrnan, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Gleadhradh mhór a' ghàrraidh, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Té mhór odhar an doras a sabhail, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Ach ciarag bheag air dath na lucha,
Na sir is na seachain ise.

Na ceithir comharraidhean

Ciod iad na ceithir comharraidhean air céill?

Foighidinn, stòldachd, stuamachd is deas-bhriathrach

Na ceithir nithean as miosa

Ciod iad na ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?

Diùbhaidh teine, feàrna ùr,
Diùbhaidh dighe, fìon sean,
Diùbhaidh duine, mi-rùn,
Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.

Na roinn as fhearr de dh'éisg

Ciod iad na roinn as fhearr de dh'éisg?

Cliabh sgadain,
tarr bradain,
is cùl cinn a' bhric duibh

Na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh

Ciod iad na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh?

Cearc, caora is cailleach

Na trì as luaithe anns a' chuan

Ciod iad na trì as luaithe anns a' chuan?

An rionnach, am bradan is an ròn,
trì seòid a' chuain

Na trì àitean as fhearr airson naidheachd

Ciod iad na trì àitean as fhearr airson naidheachd?

Taigh-òsta, muileann is ceàrdach

Na trì buill cuirp as fhuaire

Ciod iad na trì buill cuirp as fhuaire?

Adharc daimh, sròn coin
is glùn fir (le féileadh)

Na trì buillean as duiliche

Ciod iad na trì buillean as duiliche am fulang?

Buille san t-sùil, sa ghlùin is san uillinn

Na trì comharraidhean air làraich mhallaichte

Ciod iad na trì comharraidhean air làraich mhallaichte?

Deanntag, droman is traon

Na trì creutairean as beòthaile

Ciod iad na trì creutairean as beòthaile?

Mac banntraich aig am bi crodh,
Madadh muilleir aig am bi min,
Searrach seann-làire air ghreigh,
Triùir as meanmaiche air bith.

Na trì gaothan as fhuaire

Ciod iad na trì gaothan as fhuaire a tha ann?

Gaoth an déidh aiteimh, gaoth tro tholl
is gaoth bho bhonn siùil

Na trì gnèithean as dorra

Ciod iad na trì gnèithean as dorra an stiùireadh?

Gnè circe, muice is mnatha

Na trì nithean as dorra

Ciod iad na trì nithean as dorra greim a dhèanamh orra?

Earr a' bhradain, cas-deiridh féidh is
sgiath na muice-mara

Na trì nithean nan Gàidheal

Ciod iad na trì nithean de nach do ghabh an Gàidheal a-riamh nàire?

Breac á linne, fiadh á fireach
is slat á coille

Na trì nithean a thig gun iarraidh

Ciod iad na trì nithean a thig gun iarraidh?

Eagal, eudach is gaol

Na trì nithean as mìlse

Ciod na trì nithean as mìlse a tha ann?

Mo chuid fhìn, mo bhean fhìn
is tighinn dhachaigh

Na seachd miannan

Ciod iad na seachd miannan a tha a' comharrachadh chreutairean a-mach?

Miann mnatha, mac,
Miann fir, feachd,
Miann eich, aonach,
Miann coin, sneachd,
Miann bà, braon,
Miann caorach, teas,
Miann goibhre, gaoth,
Air leathad caoin, cas.

Na casan as fhaide

Có na casan as fhaide a tha air an t-saoghal?

Gath-gréine

Na fir as aigeannaiche

Có na fir as aigeannaiche a tha air an t-saoghal?

Na Fir-Chlis

Roinn a' Bhainne

Bha aig tuathanach ri ochd gallain bhainne a roinn co-ionnan eadar dithis choimhearsnach agus gun ri a sheachnadh ach trì soitheachan a ghabhadh ochd, cóig is trì gallain fa leth. Ciamar a chaidh aige air roinn chothromach a dhèanamh?

Bha soitheach nan ochd làn agus lìon e soitheach nan trì. An-sin, chuir e an soitheach nan cóig na ghabhadh e a soitheach nan trì agus bha an roinn a-nis mar seo - aon, anns an fhear bheag; cóig, anns an fhear mheadhanach; agus a dhà, anns an fhear mhór. Dh'fhalamhaich e am fear meadhanach anns an fhear mhór agus chuir e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Lìon e an-sin am fear beag ás an fhear mhór agus dhòirt e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Bha mar sin ceithir gallain anns an fhear mheadhanach agus a' cheart uiread anns an fhear mhór.

Seachd sgadain

Seachd sgadain, sàth bradain; Seachd bradain, sàth ròin; Seachd ròin; sàth muice-mara bige; Seachd mucan-mara beaga, sàth cionnain-crò; Seach cionnain-crò, sàth mial-mhóir a' chuain.

Sia buadhan na Féinne

Ciod iad na sia buadhan a bha a' cumail suas na Féinne?

Àgh Fhinn,
Làmh Ghoill,
Prab-bhuillean Osgair,
Iomairt ealamh Oisein,
Ruith chruaidh Chaoilte,
Is suidheachadh Chomail air a' chath.

Theirig dhachaidh

Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn,

ars a' bhana-mhaighstir ris an t-seirbhiseach air dhi a ràdh gun robh i air a tolladh leis an acras agus iad a' buain anns an fhoghair. Cha robh mir de dh'aran briste anns an taigh.

Rinn an nighean mar a dh'iarradh oirre le toll a dhèanamh am meadhan gach bonnaich.

Trì coilceadha na Féinne

Gu dé iad trì coilceadha na Féinne?

Barr gheal-chrann, còinneach is ùr-luchair

Trì mallachdan an tuathanaich

Ciod iad trì mallachdan an tuathanaich?

Reòthadh Céitein, ceò Iuchar is an taoitear sàileach

(Ruairidh MacCoinnich, fear a chuir màl sgriosail air daoine)

Trì subhailcean a' bhàird

Ciod iad trì subhailcean a' bhàird?

Ciocras coin gu làn a bhroinn, fios fithich a' ruith
gu roic, pathadh frith-fhir gu òl a dhrama

Ùistean Friseal a' dannsadh

Is math a dhannsadh Ùistean Friseal, Ùistean Friseal, Ùistean Friseal, Is math a dhannsadh Ùistean Friseal, Leis an fhichead maighdinn, Cóignear roimhe, is 'na dhéidh, Cóignear roimhe is 'na dhéidh, Cóignear air gach làimh dheth. Có mheud maighdean a bha a' dannsadh leis?

Bha e a' dannsadh leis fhéin, le cóig meòir air gach cois is làimh



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean