Beannachdan

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Beannachd-beatha

A h-uile latha sona dhut
's gun latha idir dona dhut.
May all your days be happy,
Without any unhappy at all.
Guma fada beò sibh
is ceò ás ur taigh.
A long, lasting life,
Lang may yer lum reek.
Gum biorach do shròn,
Gun liath thu air chòir.
May your nose be pointy,
May you not age prematurely.
Saoghal fada, buan,
Pailt do bhliochd is do bhuar.
A long, lasting life,
May your dairy products and cattle be plentiful.
Saoghal fada sona dhut
do cholainn fallain slàn
do bhoth gun bhoinne snidhe ann
do chiste-mhine làn.
A long and happy life to you
your body healthy hale
your cottage without any leak
your flour-chest full.

Beannachd-leinibh

Gum bi thu, a naoidhein bhig,
fallain, ionraic, sona air feadh do bheatha gu léir.
May you, little baby,
be healthy, honest and happy all throughout your life.
Gum bi a' bheatha a' frasadh ort, a naoinein bhig,
an fhallaineachd, an ionracas is an sonas mar thiodhlacan.
May your life be fruitful, little baby,
health, honesty and happiness be thine gifts.

Beannachd-taighe

A Dhé, beannaich an taigh,
Bho stéidh gu stàidh,
Bho chrann gu fraigh,
Bho cheann gu saidh,
Bho dhronn gu traigh,
Bho sgonn gu sgaith,
Eadar bhonn agus bhràigh,
Bhonn agus bhràigh.
God, bless this house,
From foundation to stay,
From beam to side wall,
From roof to upright beam,
From ridge to basement,
From balk to roof-truss,
Between foundation and attic,
Foundation and attic.

Droch-leigheas

Mura bheil thu earbsa á cungaidh a fhuair thu, faodaidh tu seo a chleachdadh:

Bainne á cìoch circe ann an adharc muic
agus iteag cait 'ga mhìneachadh.
Milk from a chickens teat in the horn of a pig
and a cats wing pounding it.

If you are suspicious of the medicine you got, you can use the above.

Slànachadh

Seo dà dhuan beag a chleachdas ma tha clann air a goirteachadh. Séid air an àite goirt is can an duan seo.

Trì lùth latha,
Trì latha Luain,
Trì caorain mhònach,
Trì fòidean guail,
Is bidh i/e slàn mus pòs thu.
The vigour of three days,
Three Mondays,
Three bits of peat,
Three lumps of coal,
And it will be healed before you marry.
Ub an fhionnaich,
Ub an fheannaich,
Trì fòidean mònadh,
Trì caorain ghuail,
Trì ugan adag,
Thigeadh ás an Loch a Tuath
Is bidh i slàn mus pòs thu.
Charm of the skinning,
Charm of the flailing,
Three bits of peat,
Three lumps of coal,
Three haddock collarbones,
That would come from the Loch a Tuath,
And it will be healed before you marry.

These two little rhymes can be used when a child has hurt itself; blow on the sore spot and say this rhyme.


Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean