Am madadh-ruadh is na h-iseanan

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 18:57, 18 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "Feumaidh sibh barrachd air ceathrar no cóignear cloinne airson na cluiche seo. Théid dithis an sònrachadh - aonan dhiubh mar Am Madadh-Ruadh agus aonan eile mar A' Chearc. 'S...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

Feumaidh sibh barrachd air ceathrar no cóignear cloinne airson na cluiche seo. Théid dithis an sònrachadh - aonan dhiubh mar Am Madadh-Ruadh agus aonan eile mar A' Chearc. 'S e na h-iseanan a chanar ris an fheadhainn eile agus théid iad 'nan sreath air cùlaibh na circe 's iad a' beirsinn air a céile agus an neach as fhaisge air a' Chearc oirrese. Tòisichidh còmhradh eadar a' Chirc agus a' Mhadadh- Ruadh nuair a tha an sreath deiseil air an t-seòl seo:

A' Chearc: Dè tha uat, a Mhadaidh Ruaidh? 'S gu bheil thu an-diugh cho moch air chuairt? Am Madadh: 'S e fear dhe d' iseanan tha uam, 'S chan fhaigh mi e shìos no shuas! A' Chearc (a' comharrachadh àite-eigin le a cois): An do shiubhail thu a' chùil ud? Am Madadh (a' ruith fad an t-sreatha agus a' coimhead air a h-uile isean agus a' tilleadh dhan Chirc): Shiubhail mi sin agus cha d'fhuair!

A' Chearc: Chan eil m' isean-sa ri fhaighinn, An do shiubhail thu cearcall mór an t-saoghail? Am Madadh (le fearg): An t-isean beag sin air an iomall, 'S ann air a tha mo mhiann!

Leis an fhacal mu dheireadh seo, feuchaidh am Madadh-Ruadh ri beirsinn air an isean mu dheireadh san t-sreath agus tòisichidh an sreath ri gluasad, a' luasgadh a-nunn is a-nall. Feumaidh a' Chearc 'ga cumail eadar na h-iseanan agus a' Mhadadh-Ruadh, oir ma bheireas e air aon dhe na h-iseanan, feumaidh an t-isean sin an sreath fhàgail is seasamh air taobh. Thig crìoch air a' chluich seo nuair nach eil isean air fhàgail.

Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean