Treòir Mhicrobost
Am mùthadh mar a bha e 15:19, 3 dhen Dàmhair 2016 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla:
Co-thàthadh
Tha sinn a' seachnadh cruthan co-thàthte nan roimhearan i.e. sgrìobhaidh sinn ri mo, le do, de mo seach rim, led, dem
Fòrmatadh
- Feumaidh sinn “ ” ’ seach " " ' a chleachdadh. An aire gun cuir sibh am fear ceart (left-curling) air beulaibh faclan mar ’s
- Bidh Microbost a' dol eadar tàthan, en-dash (–) agus em-dash (—), uaireannan le àite bàn agus uaireannan as aonais (you can do this—and that). Mur e tàthan ann am facal a tha ann (an-sin etc), cleachdaidh sinne an en-dash le àite bàn an-còmhnaidh: nì thu seo – agus sin.
Bàthadh
Taobh a-muigh a’ b’ d’ m’ ’s, cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn a tha aig seach a th’ aig. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can cor, somethin 's well weird 'ere), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig.