Rannan

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 18:04, 21 dhen t-Samhain 2011 le Akerbeltz (Deasbaireachd | mùthaidhean) (Sin an coileach)
Jump to navigation Jump to search

A h-aon, a dhà (1)

Rann nan àireamhan:

A h-aon, a dhà,
Ciamar a tha?
A trì, a ceithir,
Brògan leathair,
A cóig, a sia,
Uisge is fèath,
A seachd, a h-ochd,
Is mi a tha bochd,
A naoi, a deich,
Faic na h-eich,
A h-aon deug, a dhà dheug,
Brògan gun phàigheadh.

A h-aon, a dhà (2)

A h-aon, a dhà, a trì,
An cat, an cù 's mi fhìn,
A' ruith 's a' leum air feadh a' ghàrraidh,
Gus am fàs sinn sgìth.

A ceithir, a cóig, a sia,
Uisge no gaoth no fèath,
Togaidh sinne bothan beag,
Le clachan is crèadh.

A seachd, a h-ochd, a naoi,
Gheibh mi slat is sreang,
Is théid mi a dh'iasgach san abhainn,
Gus an dig an oidhche.

A deich 's a h-aon deug,
Chan e facal bréig,
Gun do chùnnt mi fichead starrag,
Is iad 'nan suidh air geug.

A dhà dheug 's a trì deug,
Fhuair na mèirlich fìor leug,
Nuair a bhris iad a-steach dhan chaisteal,
Ann am Baile Strìmeig.

A ceithir deug 's a cóig deug,
Cheannaich Iain bó bheag,
Fhuair e ìm is gruth is bàrr,
Is dh'òl na cearcan tòrr mèag.

A sia deug 's a seachd deug,
Dheasaich Anna breacag,
Thugadh i air falbh on bhòrd,
Có a ghoid i? Cha robh beachd aic'.

A h-ochd deug, a naoi deug fichead,
Thall air cùl an lios ud,
Fhuaireadh nead le uighean gorma,
Is mór mo dhéidh nach bris iad.

Am faca sibh marcaichean

Leum clann air do ghlùin ris an duan seo. Tha seo coltach ri "Ride a cock horse to Banbury Cross to see a fine lady upon a white horse ..." na Beurla. Beir air ball na cloinne nuair a tha e ag ràdh "beiridh e air X oirrn" ...

Am faca sibh marcaichean a' dol seachad?
Chunnaic!
Saoil am beir sinn orra?
Ma choisicheas sinn gu math!
Cuis! A chapaill sorchain,
Mise air muin do shearrachain.
Ma bheireas MacCuinn oirnn,
Beiridh e air chinn oirrn;
Ma bheireas MacAsgaill oirrn,
Beiridh e air chasan oirrn;
'S ma bheireas MacLeòid oirrn,
Beiridh e air shròin oirrn;
Ma bheireas MacCoinnich oirrn,
Fàgaidh e air dheireadh sinn.
Siud làir bhreabach,
Le na creagan,
Làn an dùirn de chaoran dearga,
Am bun a h-earbaill,
Mise air a muin,
Is ise 'na ruith!

Chuala mi bìog air a' chreig

Chuala mi bìog air a' chreig;
Có a rinn am bìog beag air a' chreig?
Rinn eun beag,
Is e a rinn am bìog beag air a' chreig.

Chuala mi ceilear binn air a' ghéig;
Có a rinn an ceilear binn air a' ghéig?
Rinn an smeòrach,
Is i a rinn an ceilear binn air a' ghéig.

Chuala mi ràc air an loch;
Có a rinn an ràc air an loch?
Rinn an lach,
Is i a rinn an ràc air an loch.

Chuala mi sgreuch air an tràigh;
Có a rinn an sgreuch air an tràigh?
Rinn corra-ghritheach,
Is i a rinn an sgreuch air an tràigh.

Chuala mi gorrac air an sgeir;
Có a rinn an gorrac air an sgeir?
Rinn sgarbh,
Is e a rinn an gorrac air an sgeir.

Chuala mi guileag os cionn na sgeire;
Có a rinn a' ghuileag os cionn na sgeire?
Rinn faoileag,
Is i a rinn a' ghuileag os cionn na sgeire.

Chuala mi dùrdail san doire;
Có a rinn an dùrdail san doire?
Rinn an coileach-dubh,
Is e a rinn an dùrdail san doire.

Chuala mi gogail air a' chàthar;
Có a rinn a' ghogail air a' chàthar?
Rinn an coileach-fraoich,
Is e a rinn a' ghogail air a' chàthar.

Chuala mi langan anns a' chreachann;
Có a rinn an langan anns a' chreachann?
Rinn am fiadh,
Is e a rinn an langan anns a' chreachainn.

Chuala mi mèil air an raon;
Có a rinn a' mhèil air an raon?
Rinn caora,
Is e a rinn a' mhèil air an raon.

Chuala mi geum anns a' chluain;
Có a rinn an geum anns a' chluain?
Rinn bó,
Is i a rinn an geum anns a' chluain.

Chuala mi bùirean air a' mhachair;
Có a rinn am bùirean air a' mhachair?
Rinn tarbh,
Is e a rinn am bùirean air a' mhachair.

Chuala mi meigeart air a' bhearradh;
Có a rinn am meigeart air a' bhearradh?
Rinn gobhar,
Is i a rinn am meigeart air a' bhearradh.

Chuala mi sitir anns an achadh;
Có a rinn an t-sitir anns an achadh?
Rinn each,
Is e a rinn an t-sitir anns an achadh.

Chuala mi comhart air a' mhonadh;
Có a rinn an comhart air a' mhonadh?
Rinn cù,
Is e a rinn an comhart air a' mhonadh.

Chuala mi glaodhach air a' chnoc;
Có a rinn an glaodhach air a' chnoc?
Bha duine,
Is e a bha a' glaodhach air a' chnoc.
Bha e a' stiùireadh a' choin a bha air a' mhonadh.

Seo an té a bhris an sabhal

Rann nam meuran (toisich leis an òrdaig agus casaich na meuran mu seach is can an rann):

Seo an té a bhris an sabhal,
Seo an té a ghoid an sìol,
Seo an té a sheas ag amharc,
Seo an té a theich air falbh,
Seo an té a dh'innis e, a dh'innis e, a dh'innis e.

Seo an té a leig an sabhal

Rann nam meuran (toisich leis an òrdaig agus casaich na meuran mu seach is can an rann):

Seo an té a leig an sabhal,
Seo an té a ghoid na sìl,
Seo an té a sheas ag amharc,
Seo an té a ruith air falbh,
Seo an té bheag a b' fheudar a phàigheadh air fad.

Sin an coileach

Chan eil fios againn an e eadar-theangachadh bhon Bheurla a tha ann no rann Ghàidhealach ...

Sin an coileach
A dhùisg a' bhanarach
A bhleoghainn a' bhó
A bhuail an cù
A ruith an cat
A mharbh an radan
A tholl am poca
A bha anns an taigh
A thog Iain.