Rannan

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 18:54, 21 dhen t-Samhain 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "==Am faca sibh marcaichean== <span style="color: #008000;">Leum clann air do ghlùin ris an duan seo. Tha seo coltach ri "Ride a cock horse to Banbury Cross to see a fine lady u...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

Am faca sibh marcaichean

Leum clann air do ghlùin ris an duan seo. Tha seo coltach ri "Ride a cock horse to Banbury Cross to see a fine lady upon a white horse ..." na Beurla. Beir air ball na cloinne nuair a tha e ag ràdh "beiridh e air X oirrn" ...

Am faca sibh marcaichean a' dol seachad?
Chunnaic!
Saoil am beir sinn orra?
Ma choisicheas sinn gu math!
Cuis! A chapaill sorchain,
Mise air muin do shearrachain.
Ma bheireas MacCuinn oirnn,
Beiridh e air chinn oirrn;
Ma bheireas MacAsgaill oirrn,
Beiridh e air chasan oirrn;
'S ma bheireas MacLeòid oirrn,
Beiridh e air shròin oirrn;
Ma bheireas MacCoinnich oirrn,
Fàgaidh e air dheireadh sinn.
Siud làir bhreabach,
Le na creagan,
Làn an dùirn de chaoran dearga,
Am bun a h-earbaill,
Mise air a muin,
Is ise 'na ruith!

Sin an coileach

Chan eil fios againn an e eadar-theangachadh bhon Bheurla a tha ann no rann Ghàidhealach ...

Sin an coileach
A dhùisg a' bhanarach
A bhleoghainn a' bhó
A bhuail an cù
A ruith an cat
A mharbh an radan
A tholl am pòca
A bha anns an taigh
A thog Iain.