Mirean nan cruach
Am mùthadh mar a bha e 19:25, 18 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "Hm, càit am faighear cruach an-diugh? Ach 's dòcha gun dèan àite réidh sam bith a tha math airson falach-fead a chluich a' chùis. Théid siriche air a s(h)ònrachadh agus...")
Hm, càit am faighear cruach an-diugh? Ach 's dòcha gun dèan àite réidh sam bith a tha math airson falach-fead a chluich a' chùis. Théid siriche air a s(h)ònrachadh agus feumaidh e/i a s(h)ùilean a dhùnadh fhad 's a bhios an fheadhainn eile a' dol am falach. Eughaidh cuideigin "Falach nan Cruach!" nuair a bhios air uile air am falach. Feumaidh an siriche an lorg an uairsin, ach a bharrachd air seo, feumaidh e/i sgiobag a chur orra fa leth is iad a' ruith air falbh nuair a théid e/i a lorg.