Crom an fhàsaich

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

Théid aonan a thaghadh sa chluich seo ris an canar Crom an Fhàsaich agus aonan eile ris an canar an Ceann-Feadhna agus seasaidh an Ceann-Feadhna agus a' chlann eile ann an sreath. Bidh an uairsin an còmradh seo eadar Crom an Fhàsaich agus an Ceann-Feadhna:

Ceann-feadhna: Fàilte ort fhéin, a Chrom an Fhàsaich, Có ás an tràth-sa a thàinig thu?

Crom: Thàinig bho m' fhàsach mór math fhéin!

Ceann-feadhna: Dé a thug dhutsa fàsach agus mise gun fhàsach?

Crom: Mo chruas, mo luathas 's mo làidireachd fhéin, 's chan eil 'nad chuideachd a bheir bhuam e!

Ceann-feadhna (a' comharrachadh aonan san t-sreath): Tha garran beag donn an-seo ri m' làimh, a chuireas do cheann 's do dhà bhonn ri talamh!

Crom: Am buanna mór, seasadh e a-mach!

cromanfhasaich.jpg

Théid Crom agus an Garran Donn a ghleacadh 's iad a' feuchainn ri chéile a leagail gu làr. Ma théid le Crom, feuchaidh e neach eile gus a théid e fhéin leagail gu làr. Ma théid leis a' Gharran Donn, tòisichidh a' chluich a-rithist 's am fear no té a bhuannaich 'na C(h)rom an-dràsta.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean