Crìoch a' bhodaich

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 19:19, 18 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (Deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "Cluich airson buidheann cloinne. Théid aonan a thaghadh ris an canar "Am Bodach" agus crìoch air a chomharrachadh am meadhan an raoin, an dàrna fear airson a' Bhodaich agus a...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

Cluich airson buidheann cloinne. Théid aonan a thaghadh ris an canar "Am Bodach" agus crìoch air a chomharrachadh am meadhan an raoin, an dàrna fear airson a' Bhodaich agus am fear eile airson nam bó. Feumaidh am Bodach seasamh gu math fad air falbh bhon chrìch agus na bà cho faisg oirre 's a ghabhas. Théid cuid dhiubh thairis air a' chrìoch gu taobh a' Bhodaich an uairsin agus iad a' tòiseachadh air am feur a spioladh is a' dlùthachadh dhà. Eughaidh iad an uairsin:

Tha mi air do chrìch, a Bhodaich, ag ithe do chuid feòir!

criochabhodaich.jpg

Ruithidh am Bodach ás an déidh a-nis agus feuchaidh e ri sgiobag a thoirt dhaibh. Ma théid aige, nì e Bodach dhen duine ud agus thig crìoch air a' chluich nuair nach eil ann ach Bodaich.

Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean