Analachd

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 15:29, 14 dhen Mhàrt 2012 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "<span style="color: #008000;">Tha '''rannan na h-aon analachd''' 'nan co-fharpaisean agus buannaichidh an neach as urrainn dha no dhi a ràdh nas trice na càch gun anail a ghabh...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

Tha rannan na h-aon analachd 'nan co-fharpaisean agus buannaichidh an neach as urrainn dha no dhi a ràdh nas trice na càch gun anail a ghabhail.

Trì làraichean

Trì làraichean deug donna donna donna-ghorm
Le 'n trì searraich dheug dhonna dhonna dhonna-ghorm
Trì mnathan deug geala geala geala-braghdach
Le 'n trì leanaban deug geala geala geal-bhraghdach
Dà ghille dheug bhreac-luirgneach
Aona uiseag dheug fhad-sporach
Deich bò dhruim-fhionna cheathranna chrònach
Naoidh tairbh mhaola ruadha chorc-chluasach
Ochd cailleachaga miosgagacha mogagacha màgach
Seachd gobhair ghioragacha ghargacha ghàgach
Sia muca biata
Còig pà-mòlta
'S ceithir strath-màs
Trì de uiread
Dà chrann-lach
Isean circe 's a chas briste
Beart air a mhuin.
Astaraibh siud, astaraibh siud
13 blue-brown mares
with their 13 blue-brown foals
13 white-breasted women
with their 13 white-breasted children
12 boys with spotted legs
11 long-clawed larks
10 ? cows
9 hornless red notch-eared bulls
8 ? old women
7 ? shambling goats
6 fattened pigs
5 ?
4 ?
3 times as many
two teals
a hen's chick with a broken leg
a loom on its back
recite that, recite that.


Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean