An dribleis

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

'S e neach fo àmhghar is ciall do dhribleis. Tha buidheann de chlann 'nan suidhe mun cuairt air teine air clachan no rudan eile. Canaidh iad na leanas:

An Tòisiche: Seo an dribleis!

An ath dhuine cloinne: Dé a tha an dribleis ag iarraidh?

An Tòisiche: Do leth chas a chur air chrith mar a tha mise, mar a tha mise!

Tòisichidh am buidheann gu léir leth chas a chur air chrith. Canaidh an tòisiche an rann a-rithist an uairsin ach ag amas air ball cuirp eile (fhad 's a tha a h-uile clann a chur leth chas air chrith), mar eisimpleir "Do leth làmh a chur air chrith".

Théid clann a dhìochuimhnicheas ball a chur air chrith (no neach a thuiteas far a s(h)uidheachan) a chur a-mach ás a' chearcall agus tòisichidh iad as ùr. Cumaidh iad seo a' dol gus nach eil ach aonar air f(h)àgail.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean