Am madadh-ruadh is na h-iseanan

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

Feumaidh sibh barrachd air ceathrar no cóignear cloinne airson na cluiche seo. Théid dithis an sònrachadh - aonan dhiubh mar Am Madadh-Ruadh agus aonan eile mar a' chearc. 'S e na h-iseanan a chanar ris an fheadhainn eile agus théid iad 'nan sreath air cùlaibh na circe 's iad a' beirsinn air a céile agus an neach as fhaisge air a' chearc oirrese. Tòisichidh còmhradh eadar a' chearc agus a' mhadadh-ruadh nuair a tha an sreath deiseil air an t-seòl seo:

A' chearc: Dè tha uat, a mhadaidh-ruaidh? 'S gu bheil thu an-diugh cho moch air chuairt?

Am madadh-ruadh: 'S e fear dhe d' iseanan tha uam, 's chan fhaigh mi e shìos no shuas!

A' chearc (a' comharrachadh àiteigin le a cois): An do shiubhail thu a' chùil ud?

Am madadh-ruadh (a' ruith fad an t-sreatha agus a' coimhead air a h-uile isean agus a' tilleadh dhan chearc): Shiubhail mi sin agus cha d'fhuair!

A' chearc: Chan eil m' isean-sa ri fhaighinn, an do shiubhail thu cearcall mór an t-saoghail?

Am madadh-ruadh (le fearg): An t-isean beag sin air an iomall, 's ann air a tha mo mhiann!

ammadadhruadh.jpg

Leis an fhacal mu dheireadh seo, feuchaidh am madadh-ruadh ri beirsinn air an isean mu dheireadh san t-sreath agus tòisichidh an sreath air gluasad, a' luasgadh a-nunn is a-nall. Feumaidh a' chearc 'ga cumail eadar na h-iseanan agus am madadh-ruadh, oir ma bheireas e air aon dhe na h-iseanan, feumaidh an t-isean sin an sreath fhàgail is seasamh air taobh. Thig crìoch air a' chluich seo nuair nach eil isean air fhàgail.

Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean