iGàidhlig

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Ged nach eil teicneolas cainnt is cànain ro phailt sa Ghàidhlig, tha e 'na iongnadh dhuinn a-rithist 's a-rithist cho sgapte 's a tha am fiosrachadh mun fheadhainn a tha ann. Air sgàth sin, chuir sinn ri chèile an duilleag seo le iomraidhean goirid air dè an teicneolas a tha ann, dè nì e agus càit am faigh thu e. Ma tha fear a dhìth, innis dhuinn!

Ma tha duilgheadas no ceist sam bith agad a thaobh bathar-bog na Gàidhlig, thig a chèilidh air earrann a' bhathar-bhog air Fòram na Gàidhlig 's gheibh thu freagairt ann.

Agus ma tha ùidh agaibh air cnuasachadh Akerbeltz air cànain ann an eadar-theangachadh bathar-bog, tha blog agam cuideachd air a bheil Dear Developer.


Although speech and language technology isn't necessarily plentiful in Gaelic, there ARE some helpful things out there but we're constantly amazed at how disjointed and hard to find it all is. For that reason, we're aiming to collect all the existing tools and technologies here with brief explanations of what they do and where you get them. If there's anything missing, do let us know!

If you have any problems or questions about Gaelic software, drop in on the software section of Fòram na Gàidhlig and we'll help you figure it out.

If you're curious about my musings on language in software localization, feel free to drop in on my blog Dear Developer.

Susbaint

Na stràcan/ Accents

Gheibh sibh stiùireadh mionaideach le dealbhan an-seo air na dòighean as fhearr airson stràcan fhaighinn air na litrichean.

You can find an illustrated guide to the most efficient ways of getting the accents here.

Bathar-cruaidh eile / Other hardware

Chan fheum sibh bathar-cruaidh ann. Fhad 's a tha sibh eòlach air na dòighean as fhearr airson stràcan fhaighinn air na litrichean, sibh agaibh e. Chan eil feum air meur-chlàr ùr.

You don't really need new hardware for Gaelic as long as you know efficient ways of getting the accents. Certainly no need for a new keyboard or anything like that.

Aplacaidean oifis / Office applications

LibreOffice

linux.pngmac.pngwin.pngandroid.png

Na prògraman 'na bhroinn, airson teacsa, spreadsheets, tarraingean, taisbeanaidhean, stòir-dhàta 's foirmlean

'S e sreath de phrògraman oifis a tha seo, gu math coltach ri Microsoft Office ach tha am fear seo saor an-asgaidh agus ann an Gàidhlig. Obraichidh e air Windows, Mac agus Linux agus tha dearbhairean Gàidhlig ri 'm faighinn air a shon cuideachd. Ma bha thu eòlach air OpenOffice roimhe, bidh e fìor fhurasta dhut LibreOffice a chleachdadh oir tha iad stèidhichte air an dearbh chòd. Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh nuair a dh'èirich còmhstri eadar Oracle (aig an robh OpenOffice) agus a' choimhearsnachd 's i dhen bheachd gun robh Oracle a' cur dàil is bacadh air leasachadh OpenOffice agus tha leasachadh LibreOffice a' dol air adhart aig dearg astar gun teagamh.

An aire: Chan eil sin ri ràdh nach urrainn dhut fòrmatan Microsoft Office (mar .doc no .xls) a chleachdadh tuilleadh. Tha LibreOffice comasach air faidhlichean Microsoft Office fhosgladh agus gabhaidh an sàbhaladh ann cuideachd.

Microsoft Office

win.png

Chan eil e ri fhaighinn fhathast ach thuirt Microsoft gum bi Gàidhlig am measg nan cànan aig am bi pacaid cànain airson Office 2013. Cumaidh sinn fios ribh! Tha coltas ge-tà gun cosg na pacaidean cànain airgead a bharrachd (£19.99 aig an ìre-sa a-rèir coltais) ach chì sinn oir tha daoine eile aig Microsoft a' cumail a-mach gum bi e saor (faic Language Interface Packs).

OpenOffice

linux.pngmac.pngwin.pngandroid.png

Bidh cuid dhiubh eòlach air a' phrògram seo. Tha e stèidhichte air caraid aosmhor, StarOffice, agus 's ann aig Oracle a bha OpenOffice fad greis ach an dèidh an sgaraidh, thug iad am pròiseact seo dha Fonndas Apache. Tha tionndadh ùr dheth, 3.4.1, ri fhaighinn mu dheireadh thall ach mholamaid LibreOffice gu mòr seach OpenOffice a chionn 's gu bheil LibreOffice nas adhartaiche agus coimhearsnachd nas gnìomhaiche aca.

SkyDrive

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Bheir seo dhut 7GB a stòras air loidhne saor an-asgaidh, còmhla ri mìosachan, post-d agus aplacaid sòisealta. Thig e ri linn Outlook.com, am post-d ùr aig Microsoft a thig an àite Hotmail.

Brabhsairean / Browsers

Tha dà bhrabhsair-lìn ri fhaighinn an-dràsta. Chan eil Safari, Chrome no Internet Explorer 'nam measg. Ma dh'èireas cothrom Gàidhlig a chur air Google Chrome, cuiridh!

Firefox

linux.pngmac.pngwin.png

Madadh-ruadh an teine

Tha tionndadh Gàidhlig de Firefox air a bhith ann a-mach o thionndadh 3.6 (ann an 2010). Tha e sàbhailte agus luath agus saor an-asgaidh a bharrachd air sin. Cha dèan e cron sam bith fheuchainn!

Firefox Mobile

android.png

Chan eil Mozilla cho taiceil a thaobh nam brabhsairean mobile 's a tha iad a thaobh nam brabhsairean mòra. Chan fhaighear am broinn Firefox Mobile ach dusan dhe na cànain mhòra. Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' lorg fuasgladh eile gus na cànain bheaga a ghabhail a-staigh air dòigh air choireigin ach tha mi far an cuala mi e 's Firefox Mobile 'ga sgaoileadh fad bliadhna na dhà a-nis. Co-dhiù, san eadar-àm, mar a mholas na h-Èireannaich 's na Basgaich, 's urrainn dhuibh na nightly builds a chur gu feum. Chan eil diofar mòr ann ach gum faic sibh Aurora seach Firefox fon dealbh. Ma tha sibh airson fheuchainn (tha e saor an-asgaidh), tadhailibh air an duilleag seo agus briogaibh air fennec-[àireamh].gd.android-arm.apk agus gheibh sibh an test build as ùire. Nì mi mo dhìcheall gus release ceart fhaighinn ach chan eil fhios agam cuin a bhios sin.

Opera

linux.pngmac.pngwin.png

Chan eil e buileach cho cumanta 's a tha cuid dhe na brabhsairean eile ach 's e brabhsair snasail a th' ann an Opera. Tha e saor an-asgaidh mar a tha Firefox agus mur toigh leat am madadh-ruadh, b' urrainn dhut Opera fheuchainn. Cuir sùil air an treòir an toiseach ge-tà. Eadar dà sgeul, b' e seo a' chiad bhrabhsair a bha ann an Gàidhlig a-riamh - ach bha am pròiseact Gàidhlig 'na thàmh an uairsin fad greis fhada.

Leudachain Opera

Tha làrach nan leudachan (pìosan beaga de bhathar-bog a bheir comasan a bharrachd dhan phrògram) aig Opera ri làimh sa Ghàidhlig a-nis cuideachd an-seo.

Opera Mini

blackberry.pngandroid.pngwphone.png

Tha tionndadh de dh'Opera ann airson cuideachd agus bidh tionndadh ann airson tablaidean uaireigin ann an 2012. Tha cuid a dh'fhònaichean-làimhe nas toinnte na feadhainn eile.

Fònaichean Android

An aplacaid Custom Locale
  1. Rachaibh dha Android Market 's faighibh rud air a bheil Custom Locale le InKa seo e) is stàlaichibh e.
  2. Fosglaibh Custom Locale 's taghaibh Or create a locale from a custom pair. Fo Select language, taghaibh gd (sin Gàidhlig) agus fo Select Country: GB agus briogaibh air Set Locale aig a' bhonn an uairsin. Innsidh mi dhuibh gu h-ìosal1 carson a tha feum air.
  3. Dèanaibh lorg air Android Marketplace airson Opera agus stàlaichibh Opera Mini no Mini Next (na stàlaichibh Opera Mobile, chan eil sin ann an Gàidhlig 's thèid e à bhith a dh'aithghearr). Bu chòir dha bhith ann an Gàidhlig a-nis.

1Carson? Deagh cheist... Tha Android (agus operating systems eile air fònaichean) nach bi duine sam bith ag iarraidh prògram air an fhòn aca ach sa chànan sa bheil an operating system. Ach aig an aon àm, chan eil iad deònach ach na cànain mhòra a thoirt dhut air. >.< Ma-tà, ma cheannaicheas tu fòn-làimhe le Android air 's ma thèid thu dha Android Marketplace air tòir prògram, innsidh am fòn agad dha Marketplace gur e Beurla an cànan aig an fhòn agad. Chan fhaighnich Marketplace dhìot dè an cànan a bu toigh leat. Agus gheibh thu prògram sam bith, Opera Mini san t-suidheachadh seo, ann am Beurla ged a tha e ri làimh sa Ghàidhlig.

Ma stàlaicheas tu Custom Locale, 's urrainn dhut cumail ort gur e Gàidhlig an cànan aig an fhòn agad (ged nach bi buaidh sam bith eile air an fhòn). Ach ma thèid thu dha Android Marketplace a-nis, gheibh thu Opera Mini sa Ghàidhlig. Amaideas, tha fhios a'm, ach sin mar a tha na companaidhean mòra gu mì-fhortanach... gu fortanach, tha daoine ann mar InKa a bheir fuasgladh dhuinn!

Blackberry

Air Blackberry, foghnaidh e a dhol gu www.opera.com/mobile/ agus Download » Download in another language » Opera Mini 6.5 for Blackberry Gàidhlig a thaghadh.

Windows Phone

Tha Windows Phone beagan nas glice a thaobh locale. Ma thèid thu gu Settings » Language+region 's urrainn dhut United Kingdom (Scottish Gaelic) a thaghadh fo Country/Region. Ma nì thu sin 's ma gheibh thu greim air Opera Mini, bidh e agad ann an Gàidhlig. Nochdaidh cuid dhe na làraichean-lìn is goireasan eile (mar Outlook.com) ann an Gàidhlig an uairsin cuideachd.

Siostaman-obrach

Desktops/Laptops

Chan eil gin a Ghàidhlig air Macs aig an ìre-sa agus ged a tha sinn a' feuchainn ris, chan eil ùidh sam bith aig Apple a-rèir coltais, chan eil diù a' mhuncaidh aca air cànain bheaga (no fiù feadhainn mheadhanach mhòr).

Windows 8

win8.jpg

Tha Windows 8 ri làimh ann an Gàidhlig a-nis agus 's e an naidheachd as fhearr nach cosg e sgillinn a bharrachd ma tha Windows 8 agad mu thràth. Tha Windows 8 a' cleachdadh pacaidean cànain gus cànan eile a nochdadh air an sgrìn, ge be Gearmailtis no Gàidhlig a thathar ag iarraidh. Cha leig thu leas ach a dhol gu Options » Control Panel » Add Language agus leantainn ris an stiùireadh ann.

Fònaichean-làimhe

Ged a tha sinn a' dèanamh ar dìcheall, chan eil sgath a Ghàidhlig air iPhone no Android (a bharrachd air aplacaidean mar Custom Locale agus Adaptxt).

Windows Phone

Tha Windows Phone a' fàs nas Gàidhealaiche, ged nach eil an User Interface ri làimh sa Ghàidhlig fhathast, is urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale agus mar chànan dhan bhrabhsair (ged nach do dhearbh mi fhathast dè dìreach a' bhuaidh a bhios aig an fhear mu dheireadh sin, chan eil Windows Phone agam). Seo an dà rud as urrainn dhut dèanamh:

  1. Rach gu Settings » Language+region agus tagh United Kingdom (Scottish Gaelic) fo Country/Region. Nochdaidh cuid dhe na làraichean-lìn is goireasan eile (mar Outlook.com agus Opera Mini) ann an Gàidhlig an uairsin.
  2. Rach gu Settings » Language+region agus tagh Scottish Gaelic fo Browser & Search language.

Briathrachas, litreachadh is cainnt / Terminology, spelling and speech

Dearbhadh-litreachaidh / Spellchecking

Suaicheantas an Fhaclair Bhig - ceann fo ite

Chruthaich sinn dearbhairean-litreachaidh leis an dàta againn às an Fhaclair Bheag. Gabhaidh a chleachdadh ann an grunn phrògraman. Agus tha feadhainn eile ann a bharrachd air sin. Thoir an aire gur e dearbhair saor a tha san Dearbhair Bheag. 'S ciall dha sinn gun ceadaich e dhut GOC a chleachdadh no litreachadh tradaiseanta agus tha e an urra riut fhèin dè fear a chleachdas tu.

  • Firefox: Obraichidh seo le Firefox ann an cànan sam bith (ach tha e nas snasail leis ann an Gàidhlig). Gheibh thu an-seo e.
  • LibreOffice: Tha an Dearbhair Beag ag obair ann an LibreOffice gun duilgheadas sam bith agus gheibh thu e o làran nan tuilleadan aig LibreOffice.
  • MacOSX: Obraichidh an Dearbhair Beag am broinn LibreOffice/Firefox air Mac cuideachd ach a bharrachd air sin, tha fear ann a tha gu sònraichte airson MacOSX.
  • OpenOffice: Tha dà dhearbhair ann airson OpenOffice, an Dearbhair Beag agus Dearbhair LTS. Tha am fear aig LTS gu tur a-rèir GOC agus tha an Dearbhair Beag 'na dhearbhair saor mar a mhìnich sinn gu h-àrd. Tha duilgheadas ann leis an dà dhearbhair ann an OpenOffice 3.0.1 ge-tà - nuair a chuir Cànan Earr. Gàidhlig air, dhìochuimhnich iad Gàidhlig a chur ris mar "locale" (sin pìos beag de chòd a dh'innseas dhan phrògram gu bheil Gàidhlig 'na chànan). 'S ann ri linn sin a tha iomadh duilgheadas ag èirigh ann 's am prògram tro chèile a thaobh dè th' ann an Gàidhlig... mholamaid LibreOffice gus an dèid againn sin a chàradh.
  • Opera: Cha leig thu leas dad a dhèanamh gus an dearbhair fhaighinn, tha e am broinn Opera mu thràth. Ma tha thu airson teacsa a sgrìobh thu a cheartachadh, cha leig thu leas ach briogadh deas a dhèanamh air.
  • Thunderbird: Tha an dearbhair ri làimh ann am Thunderbird cuideachd.

Faclairean / Dictionaries

Am Faclair Beag

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Ach a' fàs nas motha gach latha

Seo aon dhe na faclairean Gàidhlig air a bheil fèill mhòr sna làithean-sa (cho mòr 's gun do dh'iarr sgioba LearnGaelic ceadachas air a shon). Tha e ag amas air gach facal Gàidhlig fon ghrèin a thoirt còmhla san aon àite agus ri linn sin, gheibh thu an dà chuid briathrachas ùr agus Dwelly taobh ri taobh. Tha e a' cur iomadh goireas is fiosrachadh eile ri do làimh aig an aon àm. Gheibh thu an-seo e.

An Stòr-dàta Briathrachais

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Tha seo nas fhaisge air liosta briathrachais teicnigeach seach faclair ach tha e gu math feumail agus 's fhiach fheuchainn.

Wordlink

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

This is an international project which is developing ways in which online dictionaries can be used by learners of a language while browsing. It "splits your screen" so the page you're looking at sits on the left and an online dictionary on the right. It then does some black magic and when you click on a word in the document, it automatically looks it up for you. Really useful for someone learning a language who wants to cut down on the time it takes to look up words. Here's a link to a sample page - all you have to do is to copy and paste a different URL into the address field to bring up that page.

Innealan eile / Other tools

Accentuate

firefox.png

Ma tha thu am measg nan daoine a tha ro leis na stràcan a chur air faclan, seo fuasgladh dhut. Leigidh am prògram beag (airson Firefox a-mhàin) leat Gàidhlig a sgrìobhadh as aonais nan stràcan agus le briogadh deas, cuiridh e na stràcan air na fuaimreagan dhut. Gheibhear an-seo e.

Penfriend

win.png

Feumar pàigheadh airson a' ghoireis seo ach 's mathaid gum b' fhiach e do chuid. 'S e prògram a nì ro-innse dhut air na faclan a tha thu a' sgrìobhadh; chaidh a leasachadh a chum daoine aig a bheil duilgheadasan lèirsinn no litreachaidh agus tha cuid a sgoiltean 'ga chleachdadh a-rèir coltais. Gheibh thu an-seo e.

Foghlam / Educational

TuxPaint

linux.pngmac.pngwin.png Seo prògram beag a leigeas le clann obair ealain a dhèanamh air coimpiutair, eadar peantadh, iomadh stampa, cruthan, teacsa 's rudan mar sin. Gheibhear an-seo e.

Geamannan / Games

Blàr Wesnoth

linux.pngmac.pngwin.png

Chan eil e buileach aig ìre Diablo no World of Warcraft ach a dh'aindeoin sin, tha e fìor mhath 's a' fàs nas fhearr fad na h-ùine. 'S e geama video fantasach a th' ann. An stòraidh àbhaisteach ... orcs, elves is mac an duine :) Leis gu bheil e 'na gheama OpenSource, tha e saor an-asgaidh 's cha chosg e sgillinn dhut fheuchainn! Seo dhut an ceangal.

Freeciv

linux.pngmac.pngwin.png

A' tòiseachadh air geama

'S e geama coimpiutair a tha ann am Freeciv, a' chiad gheama "mór" a tha ri fhaighinn sa Ghàidhlig. 'S e geama ro-innleachdach a tha ann; tha thu 'nad cheannard os cionn treubha ann an linn na cloiche agus feumaidh tu fàs a thoirt air an treubh seo.

'S e geama saor an-asgaigh a tha ann, stèidhichte air còd Civilisation le Sid Meier, geama a bha iomraiteach 'na latha agus làn spòrs fhathast agus tha an luchd-leasachaidh a' cur ris fad na h-ùine.

Gabhaidh a chluich leat fhèin an aghaidh na h-Inntinne Fhuadain air neo an aghaidh daoine eile air an lìonra.

Gheibh thu an-seo e.

Geama a' chrochadair

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Bidh thu eòlach air hangman? Seo dhut e ann an Gàidhlig.

MegaGlest

linux.pngmac.pngwin.png

Tha iad a' fàs beagan nas pailt, nach eil? Tha geama video fantasach eile ri làimh, fear air a bheil MegaGlest. Gabhaidh a chluich an aghaidh daoine eile no an aghaidh a' choimpiutair. A-rithist, saor an-asgaidh, feuch e.

Scrabble3D

linux.pngmac.pngwin.png

Geama 'ga chluich

Seo geama clasaigeach nam faclan dhut ann an Gàidhlig mar gheama coimpiutair. 'S urrainn dhut a chluich ann an iomadh cànan, a' gabhail a-steach Gàidhlig. A bharrachd air sin, gabhaidh a chluich leat fhèin agus air an lìonra an aghaidh dhaoine eile. Tha dà sheòrsa de gheama ann:

  • Ma tha thu ag iarraidh dùbhlan, cluich leis na riaghailtean bunaiteach, sin faclan "àbhaisteach" agus an fheadhainn a tha ann an Dwelly
  • Ma tha thu ag iarraidh geama beagan nas simplidh, 's urrainn dhut na faclan à Dwelly fhàgail às

Mholamaid dhut sùil a thoirt air an treòir air Fòram na Gàidhlig an toiseach.

Tàileasg

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Ma tha thu airson cuairt air an tàileasg ann an Gàidhlig, seo dhut tionndadh air an lìon

Tetris

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Cuimhne agad air? Seo dhut e ann an Gàidhlig mu dheireadh thall!

Goireasan eile / Other tools

Accentuate.us

firefox.png

Ma tha thu fada fada ro leisg son na stràcan a chur air na fuaimreagan, feuch am prògram beag seo, cuiridh e na stràcan ann leis fhèin ann an iomadh cànan eadar Gàidhlig is cànan Hawai'i!

gd01.png

Adaptxt

android.png

Seo, mu dheireadh thall, gleus airson teacsadh ro-innseach (no predictive texting) sa Ghàidhlig (agus, eadar dà sgeul Gaeilge agus Gaelg cuideachd). Tha e saor an-asgaidh agus ri fhaighinn air fònaichean Android a-mhàin aig an àm seo (ged a tha dùil ris air Windows Phone a dh'aithghearr). Tha e furasta gu leòr ri stàladh o Google Play e fhèin ach ma tha sibh ag iarraidh beagan stiùiridh, seo dhuibh e.

Addtoany/Lockerz

Ma tha sibh airson putan a leigeas le daoine duilleagan-lìn a cho-roinneadh air lìonraidhean sòisealta, tha aonan dhiubh ann a tha sa Ghàidhlig cuideachd. Gheibh thu an-seo e.

Facebook

firefox.pngchrome.png

Le taic on ghaisgeach Kevin Scannell, draoidh nan sgriobtaichean, tha beagan Gàidhlig a' tighinn air Facebook mu dheireadh thall. Chan chuir seo Gàidhlig air an rud gu lèir ach cuid dhe na h-abairtean as trice a chithear. Ag innse na fìrinn, cò leugh EULA a-riamh co-dhiù! Ma tha Firefox no Chrome agaibh, feuchaibh e

FreeFileSync

linux.pngwin.png

FreeFileSync.png

Seo goireas a bheir cothrom dhut lethbhreacan-glèidhidh, neo backups, a dhèanamh dhe na faidhlichean agad. Prògram gu math feumail agus furasta goireasach ri chleachdadh. Às dèidh dhuibh a stàladh, gheibh sibh a' Ghàidhlig ann an Advanced » Language. Simplidh. Agus gheibh sibh an-seo e. 'S urrainn dhuibh na seiseanan a shàbhaladh agus cha leig sibh a leas ach dà bhriogadh a dhèanamh gach turas a bhios sibh ri lethbhreac-glèidhidh ùr a dhèanamh, ge be cò mheud draibh a tha a-staigh san àireamh.

Obraichidh seo air Windows agus Linux ach chan ann air MacOSC, duilich.

GenoPro

win.png

Cò leis thu, a ghràidh?

'S e bathar-bog a leigeas leat craobhan-sinnsearachd a chruthachadh a th' ann an GenoPro. Cha leig thu leas ach a stàladh agus an uairsin Gàidhlig a thaghadh fo Language » Scots Gaelic. Thathar a' reic GenoPro air airgead ach cha chosg e an saoghal agus tha e fìor-mhath - agus sa Ghàidhlig!

Google

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Tha Google ri fhaighinn ann an Gàidhlig cuideachd. Tha Google air rudan gòrach a dhèanamh leis a' cho-dhealbhachd, 's an dòigh as fhasa an ceangal seo http://www.google.com/webhp?hl=gd a chur ris na comharra-lìn agad 's a chleachdadh mar an duilleag bhunaiteachd. No, ma chì thu an cearcall leis na roghainnean ri linn lorg air Google, briogadh air a sin agus an uairsin » Search Settings » Languages (air an taobh chlì) » Scots Gaelic san dropdown.

Joomla!

Ma tha content management system Gàidhlig a dhìth ort, seo dhut fear.

MediaWiki

Tha e nas fhasa na shaoileadh tu

Mas e uicipeid dhut fhèin a tha a dhìth ort, tha MediaWiki (na cnàmhan aig an Uicipeid mhòr) ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd. Na bi eagal ort mun iomradh ud mu MediaWiki Hacker - chan eil sin ri ràdh gu bheil MediaWiki a' briseadh a-steach air daoine no buidhnean, 's e sgleò-chainnt a tha seo agus tha e a' ciallachadh rud mar "cuideigin glic as urrainn dha còd a' MediaWiki leasachadh" (rud a tha ceadaichte). Tha e ri fhaighinn an-seo

phpBB

Ma tha fòram php agad (no ma tha thu ag iarraidh fòram agad ann an Gàidhlig no ann an Gàidhlig is iomadh cànan eile), feuch phpBB

Quick Locale Switcher

firefox.png

No QLS gu goirid. Seo prògram beag as urrainn dhut a chur ri Firefox gus an urrainn dhut leum eadar iomadh cànan gu luath. Feumail do dhaoine a tha ann an teaghlach far nach eil Gàidhlig aig a h-uile duine. Seo dhut e.

This is a handy tool if you share your computer with people who don't speak Gaelic. It allows you to change the interface language easily within Firefox.

If you do have a setting like that, I'd suggest though that you consider setting up different user accounts (if you're on Windows). That means that each user can run software like Firefox in their preferred language. If you have different user accounts, a program will usually ask you during installation if you want to install it for everyone or just a certain user. It does not mean that you have to buy, say, 2 or more copies of Microsoft Office, it still counts as one computer. But then, I'd suggest you use LibreOffice anyway! :) There are loads of instructions on the web about setting up user accounts, just Google set up Windows user accounts and add your operating system.

Skype

win.png

Ma chleachdas tu Skype gus fòn a chur gu daoine, tha sin ri fhaighinn ann an Gàidhlig a-nis cuideachd, air Windows co-dhiù. Dèan na leanas:

  • Faigh am faidhle Gaidhlig-gd.lang an-seo is sàbhail e am badeigin air a' choimpiutair agad
  • Ann an Skype, rachaibh an uairsin gu Tools » Change language » Load Skype Language File agus sin agaibh e. Tha e furasta tilleadh dhan Bheurla agus air ais dhan Ghàidhlig air an aon dòigh.

Ma tha taic sam bith a dhìth, gheibh thu freagairt air Fòram na Gàidhlig

SMART™ Digital Whiteboards

Tha SMART™ Notebook ri fhaighinn ann an Gàidhlig. Faic làrach SMART™. Ma tha ceist agad mu dheidhinn, bu chòir dhut bruidhinn ri SMART™ fhèin.

The SMART™ Notebook interface is available in Gaelic. Follow the link and for more information about changing the language to Gaelic, contact to SMART™.

VLC - VideoLAN

linux.pngmac.pngwin.pngandroid.png

'S e cluicheadair mheadhanan a th' ann - saor an-asgaidh agus cluichidh e cha mhòr faidhle sam bith. A bharrachd air sin, 's urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair. Gheibh sibh an-seo e; thèid a stàladh sa Bheurla an toiseach ach gheibh sibh Gàidhlig ma thèid sibh gu Tools (no, air MacOSX, gu VLC) » Preferences » Language » Menus Language » Gàidhlig. Sin agaibh e!

Ma tha an aplacaid Custom Locale agaibh 's e a' nochdadh Gàidhlig, tha tionndadh beta dheth ri fhaighinn air Android cuideachd an-seo

WordPress.com

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.pngandroid.png

An t-slighe gu Gàidhlig ann am WordPress.com

Seo am fear airson "dìreach bloga" mur eil thu airson a stàladh air an òstair agad fhèin. Ma tha thu cho tro chèile a thaobh dè an diofar eadar WordPress.com agus .org, feumaidh sibh òstair agus sgoil-dhubh airson bloga fhaighinn o WordPress.org (i.e. fèin-òstaireachd). Cha leig thu a leas ach clàradh air WordPress.com (òstaireachd air WordPress) agus bidh beagan sanasachd ri fhaicinn 'na chois.

Ma tha bloga agadmu thràth, tha e furasta atharrachadh fo Users » Personal Settings. No ma tha sin ro dhìomhair, tha ceangal ann fo Settings » General "You can also modify the interface language in your profile" Agus Save Changes an uairsin, na dìochuimhnich!

Mur eil bloga agad no ma tha thu airson fear a ghluasad o àite eile, can Blogspot, gabhaidh sin a dhèanamh cuideachd. 'S urrainn dhut clàradh an-seo.

WordPress.com air Android

Ma tha an aplacaid Custom Locale agaibh agus sibh air gd-GB a thaghadh ann, gheibh sibh aplacaid Wordpress ann an Gàidhlig cuideachd. Bidh rud no dhà a' nochdadh sa Bheurla fhathast ach tha sinn ag obair air. Tha na cinn-là (ann am Beurla) a' tighinn on operating system e fhèin (Android) agus chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh mu dhèidhinn sin, saoilidh mi.

WordPress.org

linux.pngmac.pngwin.png

No ma tha thu dhen bheachd gu bheil Joomla! car toinnte, feuch Wordpress.org. Agus na gabh dragh, tha sinn ag obair air a' Wordpress eile cuideachd!

Post-dealain / Email

MyOpera Mail

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Glacadh-sgrìn de My Opera Mail, tha e snog, mur eil sibh pòsta aig Google+

Ma tha thu a' lorg seirbheis puist-d air loidhne - rud mar Gmail ach sa Ghàidhlig - tha MyOpera Mail ann. 'S iad na daoine a rinn Opera a rinn seo cuideachd agus tha e fosgailte do dhuine sam bith, fiù mur eil thu a' cleachdadh Opera. Cha leig thu leas ach clàradh no clàradh a-steach, a dhol gu Settings agus Gàidhlig a thaghadh. Sin agad e, chan eil e doirbh idir. Bu mhath leam Gàidhlig a chur air Gmail ach tha iad a' diùltadh nan cànan beaga air adhbhar air choireigin. Co-dhiù, gheibh sibh My Opera Mail an-seo.

Outlook.com

firefox.pngopera.pngchrome.pngsafari.png

Chaidh Hotmail ath-dhealbhadh agus thug iad Outlook.com air. Ma tha cunntas Hotmail agad, feumaidh tu àrdachadh gu Outlook.com mus fhaigh thu Gàidhlig ann. Ma rinn thu sin mu thràth, tha e furasta gu leòr, clàraich a-steach, briog air rothar nan roghainnean gu h-àrd air an taobh deas agus an uairsin More email settings » Language » Gàidhlig » Save. Sin agaibh e.

Thunderbird

linux.pngmac.pngwin.png

Eun an tàirneanaich

Tha am prògram aig Mozilla airson post-d air eadar-theangachadh cuideachd. 'S fhearr leamsa e na Outlook Express co-dhiù! Mar a tha na prògraman eile aig Mozilla, 's e bathar-bog saor an-asgaidh a th' ann agus gheibhear an-seo e.

Lightning

linux.pngmac.pngwin.png

Ma tha thu a' cleachdadh Thunderbird, 's mathaid gum bi ùidh agad ann an Lightning, 's e sin mìosachan airson Thunderbird. Tha e goireasach gus rian a chumail air na cinn-latha gun teagamh sam bith. Ma thèid sibh dhan làrach ud, tha coltas nach eil cànan sam bith eile ann ach ma tha Thunderbird agaibh sa Ghàidhlig 's ma bhriogas sibh air Windows/MacOS/Linux fon phutan uaine air a bheil Download Now, gheibh sibh e sa Ghàidhlig e gu fèin-obrachail. Feumaidh tu Thunderbird fhosgladh agus a dhol gu Innealan » Tuilleadain, briogadh air a' chuibhle bheag agus Stàlaich tuilleadan o fhaidhle. Air neo, nas fhasa buileach, fosgail Thunderbird, rach gu Innealan » Tuilleadain » Faigh tuilleadain agus chì thu Lightining ann 's cha leig thu leas ach briogadh air 's nì e an corr an uairsin.

Faic cuideachd

  • l10n for Humans - if you're on the techy side of things and want to know more about how you actually DO translate software



Seòladaireachd na làraich
Fuaimean na Gàidhlig - Beagan Gàidhlig - Beagan gràmair - iGàidhlig - Ceanglaichean - Translation - Foillseachadh - CÀBHA - Fios thugainn - l10n for Humans


Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Bogsa-innealan
Ceanglaichean sòisealta