Treòir Mhicrobost

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 14:35, 10 dhen Dàmhair 2016 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla:

Àireamhan

Tha sinn a' cleachdadh nan àireamhan deicheach a-mhàin. An dèidh 20, bidh ainmear san àireamh shingilte i.e. 20 bogsaichean, 21 bogsa...

Bàthadh

Taobh a-muigh a’ b’ d’ m’ ’s, cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn a tha aig seach a th’ aig. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can cor, somethin 's well weird 'ere), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig.

Caochlaideachd fhaclan is briathrachais

  • mu thràth (seach mar-thà)
  • o chionn goirid (seach o chionn ghoirid, tha seo ro fhada san UI co-dhiù)

Co-thàthadh

Tha sinn a' seachnadh cruthan co-thàthte nan roimhearan i.e. sgrìobhaidh sinn ri mo, le do, de mo seach rim, led, dem

Fòrmatadh

  1. Feumaidh sinn “ ” ’ seach " " ' a chleachdadh. An aire gun cuir sibh am fear ceart (left-curling) air beulaibh faclan mar ’s
  2. Bidh Microbost a' dol eadar tàthan, en-dash (–) agus em-dash (—), uaireannan le àite bàn agus uaireannan as aonais (you can do this—and that). Mur e tàthan ann am facal a tha ann (an-sin etc), cleachdaidh sinne an en-dash le àite bàn an-còmhnaidh: nì thu seo – agus sin.

Hotkeys

Mar is trice, tha hotkeys 'gan comharradh le & san eadar-theangachadh. Nì seo hotkey dhen litir san UI. Mar eisimpleir, an cois &Adhartach gheibhear:

hotkey.jpg

Litrichean sònraichte

  1. Tha sinn a' cleachdadh agusan na Gàidhlig: ⁊. Ma dh'iarrar oirbh a chur ann an Hex/Unicode, cleachdaidh: \x204A
  2. Chan eil sinn a' cleachdadh nan stràcan geura mur e facal neo-Ghàidhlig a tha ann
  3. Ma tha facal a' nochdadh ann am Beurla a tha 'na fhacal-iasaid agus aig a bheil litir shònraichte sa Bheurla no sa chànan tùsail, glèidhidh sinn an litir shònraichte: Maori > Māori, hacek > háček