An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Treòir Mhicrobost"
Jump to navigation
Jump to search
Loidhne 1: | Loidhne 1: | ||
Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla: | Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla: | ||
+ | |||
+ | ==Àireamhan== | ||
+ | Tha sinn a' cleachdadh nan àireamhan deicheach a-mhàin. An dèidh 20, bidh ainmear san àireamh shingilte i.e. 20 bogsaichean, 21 bogsa... | ||
==Co-thàthadh== | ==Co-thàthadh== |
Mùthadh on 15:20, 3 dhen Dàmhair 2016
Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla:
Àireamhan
Tha sinn a' cleachdadh nan àireamhan deicheach a-mhàin. An dèidh 20, bidh ainmear san àireamh shingilte i.e. 20 bogsaichean, 21 bogsa...
Co-thàthadh
Tha sinn a' seachnadh cruthan co-thàthte nan roimhearan i.e. sgrìobhaidh sinn ri mo, le do, de mo seach rim, led, dem
Fòrmatadh
- Feumaidh sinn “ ” ’ seach " " ' a chleachdadh. An aire gun cuir sibh am fear ceart (left-curling) air beulaibh faclan mar ’s
- Bidh Microbost a' dol eadar tàthan, en-dash (–) agus em-dash (—), uaireannan le àite bàn agus uaireannan as aonais (you can do this—and that). Mur e tàthan ann am facal a tha ann (an-sin etc), cleachdaidh sinne an en-dash le àite bàn an-còmhnaidh: nì thu seo – agus sin.
Bàthadh
Taobh a-muigh a’ b’ d’ m’ ’s, cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn a tha aig seach a th’ aig. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can cor, somethin 's well weird 'ere), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig.