Tòimhseachain

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

A

Tha bràthair aig bràthair mo athar,
is cha bhràthair athar dhomh-sa e.
'athair fhèin
Dé as seirbhe na an nimh?
achmhasan nàmhaid
Poit bheag neònach,
a' seòladh tron an tìr,
i loma-làn feòla,
’s a tòn os a cionn.
ad
Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile.
a' ghealach
Long mhór nam bàn-seol bòidheach,
nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe.
a' ghealach
Tha long a' seòladh cuain fo thàmh,
le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha,
ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas,
bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth.
a' ghealach ùr
Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e,
théid e dhan chiste is cha mhùchar e,
théid e dhan teine is cha loisgear e,
is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air.
a' ghrian
Cha mhac athar, no màthar dhomh e,
cha mhac peathar, no bràthar dhomh e,
ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille.
a mhac fhéin
Cha mhotha e na gràinean eòrna,
's còmhdaichidh e bòrd an rìgh.
amharcan
Rugadh i gun anam,
bhàsaich i gun anam,
ach bha anam innte.
a' mhuc-mhara a shluig Iòna
Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais?
anail
Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e?
anns an àirc
Tha mi nas àirde na beanntan an domhain,
agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas,
cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna,
ged a tha mi nas truime na mìle tunna.
an t-àile
Rugadh e gun anam,
bhàsaich e gun anam,
agus bha anam ann.
an t-uilebheist a shluig Iòna

B

Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill,
siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg.
bad ceò
Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh,
is chan eil an taigh as a aonais.
balla
Có iad na trì uilc a thig le aois?
baothachd, boile is bàs
Bean an taighe a' gliogadaich,
bean an taighe a' glagadaich,
bean an taighe ag ithe biadh,
is cha do rinn i a-riamh altachadh.
beart-làimhe
Tomhais, tomhais a laoigh mhìn,
gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn,
no dé an t-slat a bha làimh Fionn,
a' dol tron choille dorcha luim?
bioran-deighe
Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì mìle thar a' chuain,
fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail,
ag imeachd air an talamh bhuan.
am bàs
Chì mi thugam thar an eas,
fear beag, cùirneanach, cas,
cearb de dh'aodach fo a shlios,

is làn an t-saoghail fo a los.

am bàs
Coinnlear òir air bòrd dà shliseig,
tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e.
am bàs
Cha siubhail e san adhar,
cha siubhail e air làr,
ach siubhlaidh e sàr,
eadar làr agus adhar.
bàta
Rud nach gluais gun mhóran suim,
mura bi a dhruim fodha.
bàta
Bó mhór odhar an cois na tràghad,
laogh 'na déidh is i gun dàir.
bàta is geòla
Sheall mi a-mach air uinneig mo sheanmhar,
is chunnaic mi am marbh a' giùlan nam beò.
bàta is sgioba
Maide caol cam sa choille ud thall
is cha chluinn thu 'na cheann ach gliog agus gliong.
beart-fhighe
Sruth an aghaidh àirde.
beathach ag òl dighe
Làn taighe chaorach geala,
is aon chaora dhearg ann,
agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich.
beul, deud is teanga
Craobh cham chaorainn,
an taobh taigh an tuathanaich,
ged a thigeadh luchd an t-saoghail,
chan fhaodadh iad a buain ás.
a bhean
Chaidh ceathrar a-null,
gun choit gun long,
fear fada fionn,
fear leadagach donn,
fear a bhualadh nan stùc,
fear a rùsgadh nan crann,
is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?
bliadhna, ràithean, seachdainean,
làithean is uairean
Craobh mhór agus ceithir meòir oirre,
trì nid deug anns a h-uile meur,
seachd uighean anns a h-uile nead,
agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh.
bliadhna, ràithean, seachdainean,
làithean is uairean
Chì mi, chì mi air fàire,
ailleagan na gréine,
fear an aodaich uaine,
is snàithlean dearg mu a léine.
bogha-froise
Cailleach sa chùil,
agus bior 'na dà shùil,
is i a' gàireachdadh, gàireachdadh.
brà
Is e cròileagan beag cròileagan,
tomhais tomhais tòimhseachan,
a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan,
thoillidh ceud nan ceudan ann,
is cha toill mi fhìn 'nam aonar ann.
brà
Am mac a' tighinn bhon a mhàthair,
is a mhàthair ag imeachd uaithe.
briseadh-latha
Dubhag, dubhag a-mach an doras,
is cnàimh duine aice 'na bheul.
bròg
Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul
bròg
Có a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine?
bròg na cuthaige
Tha sùilean ann, is chan fhaic e nì,
tha e feumail a chum bidhe,
tha rùsg 'ga chomhdachadh anns gach ball,
cha chaora is cha chraobh a tha ann.
buntàta

C

Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill,
siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg.
bad ceò
Chan ith thu e,
chan òl thu e,
is cha bhi thu beò ás aonais.
cadal
Rugadh e mun do rugadh a athair,
agus chaochail e mun do rugadh a mhàthair.
Cain no Abail
Chì mi thall air faireagan,
air ailt na h-éilde ruaidhe,
am mac a' tighinn bhon mhàthair,
is a' mhàthair a' teicheadh bhuaidhe.
camhanaich
Tha moigean molach, molach,
a' sìor-thuineachadh a' mhonaidh,
is gile e na gobhair an aonaich,
is gile na caoraich am moigean molach.
canach
Thugadh biadh gu triùir,
a-null thar lochan an fhéidh,
dh'ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh leis fhéin.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Thugadh biadh gu dithis,
gu ceann Loch MaRuibhe,
dh'ith am biadh an dithis,
is thill e dhachaigh a-rithist.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Thugadh biadh gu triùir,
gu cùl beinn a' cheò,
dh'ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh beò.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Fear beag spòrsail,
a' falbh na mòintich,
le spuir agus bòtannan,
is beul adhairce air.
coileach-fraoich
Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is creagada creag air a muin,
casan oirre, is i gun làmhan,
is ultachan catha 'na h-uchd.
cearc
Am mac air an spàrr is an t-athair gun bhreith.
ceò á teine nach dàinig thuige
Is mìn' i na sìoda
Is àird' i na taigh an rìgh.
ceò á simileir
Gu dé a tha nas cruinne na ball,
is nas faide na long?
ceairsle-shnàtha
Thiodhlaic mi mo naoinear nigheannan, mar sheachdnar ann an Cille MoNeachdainn ann an Ì.
chaidh dithis a chur san aon uaigh aig dà àm
Is cumhang an taigh seo,
dhan neach a nì ann tàmh,
e gun uinneag, gun doras,
'ga fhosgladh gu bràth.
ciste-laighe
Chì mi, chì mi fada bhuam,
leth-cheud aitheamh thar a' chuain,
luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam,
a' leumadh air talamh cruaidh.
clachan-meallain
Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì fichead mìle anns a' chuan,
fear gun fhuil, gun fheòl, gun anam,
a' dannsa air an talamh fhuar.
clach-mheallain
Muc dhubh dhorcha,
an ceann taigh Fhearchair,
dithis 'na ceann,
is triùir 'na h-earball.
clach-stéidhe
Dà fhear dheug san aon leabaidh,
agus gach aon air an iomall.
clàir baraille
Is mairg aig am bi iad,
is mairg aig nach bia iad,
có iad?
clann
Chunnacas iongnadh leam an-diugh,
is mas iongnadh leam is iongnadh dhut,
ceithir daimh gun fhuil, gun fheòil,
a' spìonadh feòir á talamh dubh.
cliath-chliata
Bodach beag an taobh an teine,
bior 'na ghoile, is boineid air.
clobha
Bean bheag mhoganach,
suidhidh i taganach,
bithidh i torrach a h-uile bliadhna,
is bithidh laogh beag geal aice.
cnò
Arsa cailleach:
nam biodh agam na bheil agam,
uiread eile, is a leth uiread,
dà ghèadh, agus bloigh geòidh,
dhèanadh sin fichead.
Có mheud a bha aice?
cóig
Anna bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a ghabhas i,
is mar as faide a sheasas i,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.
coinneal
Nighean bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a bhios i ag ithe,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.
coinneal
Eunan beag foirmeil, foirmeil,
bithidh e a-muigh ri sìde stoirmeil,
is ged nach do chuir e a-riamh a chùl ann,
chan eil feum ri aimsir chiùin ann.
coileach-gaoithe
Siubhlaidh e na lianagan,
siubhlaidh e na brianagan,
siubhlaidh e an t-iomaire fada,
is thig e dhachaigh anmoch.
corran
Có an crann nach dèan treabhadh
ged a chuireadh tu daoine 'ga stiùireadh agus eich 'ga tharraing?
crann-sgadain
Taigh beag anns an àirde an iar,
is cóig ceud doras air.
criathar
Tha bodach beag sa chùil sin,
is dà shùil deug ann.
criathar
Crioganta, craganta, cruaidh,
is tana lom a ghruaig,
is cruaidh craiceann a dhà làimhe,
a shùilean am meadhan a chléibh,
agus a fheòil am meadhan a chnàmh.
crùbag
Is tana craiceann do ghruaidh,
is cruaidh craiceann do dhà làmh,
tha do dhà shùil am meadhan do chliabh,
agus do fheòl am meadhan do chnàmh.
crùbag
Ciamar a thaghadh Fionn a chù?

Sùil mar àirne,
cluas mar dhuilleig,
uchd mar ghearran,
speir mar chorran,
is an t-adhbrann fada bhon cheann.
Bean an taighe a' gliogan,
bean an taighe a' glagan,
bean an taighe a dh'ith am biadh,
is cha do rinn a-riamh altachadh.
cuidheall-shnìomha
Caora bhiorach, bhiorach,
i gu sionnach, sionnach,
i gu luath, gu luath,
braith-lìn m' a tòin,
is i a' glaodhadh, a' glaodhadh.
cuidheall-shnìomha
Sìor dhol a-null,
freagraidh i dha a srian,
marcaichidh i gu dian,
is i ag atharrachadh nan searrach gu tric,
muinichidh i air an fhéill,
is math agam fhéin i a-nochd.
cuidheall-shnìomha
Có e an currac nach do rinneadh a-riamh le làmhan daoine?
currac-an-rìgh

D

Dà fhitheach air creig,
dà fhitheach gob ri gob,
fitheach ag eughachd air fitheach,
có mheud fitheach a bha an-sin?
dà fhitheach
Tha mìle dearcag air an t-sliabh,
nach itheadh neach a rugadh a-riamh,
fàsaidh iad ri oidhche bhrèagh,
ach siubhlaidh iad nuair a dhealras grian.
dealt
Am mac air an sparr,
is a mhàthair gun bhreith.
deatach
'S àirde e na taigh an rìgh,
's mìne e na sìoda,
's géire e na an claidheamh.
deatach
Théid mi a-null air mo dhrochaid ghlainne,
thig mi a-nall air mo dhrochaid ghlainne,
is ma bhriseas mo dhrochaid ghlainne,
chan eil an Albainn no an Éirinn,
a chàireas mo dhrochaid ghlainne.
deigh
Tha tòimhseachan agam ort,
chan e d' aodach 's chan e d' fhalt,
chan e ball a tha 'nad chorp is tha e ort,
is tomhais e.
d' ainm
Tha tòimhseachan agam ort,
chan e do cheann, chan e do chas,
chan e d' éideadh, chan e d' fhalt,
chan e ball a tha 'nad chorp,
ach tha e ort, is cha tomhais thu e.
d' ainm
Sìn a-mach do làmh,
is chì thu rud nach eil, nach robh 's nach bi.
do mheòir air an aon fhaid
Chan eil e a-muigh,
chan eil e a-staigh,
is cha dig an taigh ás aonais.
doras
Théid na mairbh seachad fodha,
le othail is le sòlas,
is na beò air a uachdar,
le suairceas is le eòlas.
drochaid
Có an druim as treasa a tha air an t-saoghal?
druim a' chuain
Có e an deagh charaid dìleas,
as trice a ghiùlaineas gu dìblidh d' eallach?
do dhruim fhéin
Iarann a cheann,
each a mhuineal,
maide a mheadhan,
duine a bhun.
dubhan, snòd, slat is iasgair
Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e,
shuidh mi air tom is cha d'fhuair mi e,
nam bithinn air 'fhaighinn, bha mi air 'fhàgail,
is bho nach d'fhuair mi e, thug mi leam e.
duine cas rùisgte le dris 'na chois
Chaidh mi dhan choille is gun d'fhuair mi e,
shuidh mi air cnoc is gun do dh'iarr mi e,
nan d'fhuair mi e, thilginn bhuam e,
ach bho nach d'fhuair, thug mi dhachaigh e.
dris ann an cois
Moigean mìn, mìn, molach,
a thig air tìr air na torran,
chan ith crodh no caoraich e,
ach ithidh daoine am moigean molach.
duileasg
Dà chois shìos, trì casan shuas,
làn fàileadh is feòil,
ceann a' bheò am beil a' mhairbh.
duine le poit trì-chasach air a cheann

E

Craobh ghioganach, ghàganach,
a bun gu h-àrd, is a barr gu h-ìseal.
earball beathaich
Ri àm stoirme, is ri àm fèatha,
ri àm lìonaidh, is ri àm tràghaidh,
is ris gach àm bho cheann na bliadhna,
cha dèan strìochadh dhuinn a ghàire.

eas
Trì bà bhreaca an cois na leacainne,
nach do bhleoghainneadh deur de am bainne a-riamh.
eas
Trì bà bhreaca a' leum le leacainn,
cha nighear iad, is cha bhlioghar iad,
is àirde an geum na geum na buaile,
trì bà uallach aigeannach.
eas
Trì bà bhreaca a' ruith le leacainn,
cha chuir banachag buarach orra,
is cha chuir buachaille stad orra.
eas
Dé as duibhe na am fitheach?
eug

F

Tuba gun mhàs a ghléidheas fuil is feòil is cnàmhan
fàinne
Chì mi thall air fàinneachan,
air bharr na lice ruaidhe,
an t-uan a' tighinn bho 'mhàthair,
is a' mhàthair a' tighinn bhuaithe.
fàinneachd an latha
Tha companach leat tric a shaothair,
ach chan eil math no cron 'na shaothair,
is ged a nì thu a' chùis cho math as aonais,
cha ghabh e a chur bhuat air saodach.
fallas
Théid mi a-null air mo rathad mór,
thig mi a-nall air mo rathad mór,
is bheir mi leam mo rathad mór air mo mhuin.
fàradh
Chunnaic duine gun sùilean,
craobh air an robh ùbhlan,
bha dug e ùbhlan dhith,
is cha do dh'fhàg e ùbhlan oirre.
Ciamar a bha sin?
fear cam, dà ubhal agus thug e leis aon
Tha aon chas air tàl,
a dhà air circ,
trì air furm-smeuraidh,
is ceithir air each;

ach cùnntais sin uile,
is tha a dheich uiread,
air a' chruinneig fhainn,
is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?

fiolan nan ceud chas
Tha e ag éirigh a h-uile madainn,
is cha deach e a-riamh a laighe.
fuaran
Rud dubh, dubh,
a tha chum féim an iomadh cruth,
cha dèan e feum mura labhair e,
is an déidh labhairt chan fhiach e.
fùdar

G

Galar as truime na an luaidhe,
galar as buaine na an darach.
gaol
Is àirde e na a' bheinn,
is doimhne e na am muir,
is bòidhche e na an dreathan-donn,
is mìlse e na a' mhil.
gaol
Is àirde e na beanntan,
is doimhne e na muir,
is géire e na droigheann dubh,
is mìlse e na mil.
gaol
Tha gamhainn maol donn sa choille ud thall,
is chan eil maide ann nach cuir e air chrith.
gaoth
Is luaithe e a chas air briseadh.
gas rainich
Slatag bheag chaol an taobh mo thaighe,
chan urrainn do shaor na mhaor a snaidheach.
gath-gréine
Tha maide caol cam,
sa choille ud thall,
is nach eil a h-aon ann,
nach cuir e air chrith.
gath-gréine
Théid i dhan mhuir is cha bhàthar i,
théid i dhan chiste is cha mhùchar i,
théid i dhan teine is cha loisgear i,
is théid i gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire oirre.
gath-gréine
Théid e dhan teine, is cha loisgear e,
théid e dhan chiste, is cha mhurtar e,
théid e dhan mhuir, is cha bhàthar e,
théid e gu bòrd an rìgh is cha bhàcar e.
gath-gréine
Chì mi, chì mi, thar an nis,
té ghuanagach dheas,
cearb de 'léine fo 'crios,
is ceum an éibhreannach 'na cois.
gearr
Chì mi thall ud air a' bheinn,
fear ciar-ghlas is beum fo 'shròin,
dà fhiacaill fhada ann 'na cheann,
is plaide de lìon mu 'thòin.
gearr
Siubhlaidh e mar ghaoith air luathas,
gun ghluasad anns an aon àite,
ach tuitidh e ma stadas e,
is cha seas e air a shàil dhut.
gille-mirein
Bean torrach anns a' bhaile ud thall,
ge torrach i, cha bheir i clann,
òlar am fìon far a boise,
is caol a coise tro a ceann.
glainne làn
Cailleach anns an taigh ud thall,
eadar Gàidheal agus Gall,
òlar am fìon far a boise,

is caol a coise tro a ceann.

glainne làn
Chan eil a-muigh is chan eil a-staigh,
is cha dig an taigh solais ás aonais.
glut lìonadh ann an taigh
Maide mór crom anns a' choille ud thall,
is gun nì ann ach “glang-bó-glang”.
greallag beairt-fhighe
Caora dhubh, dhubh, a thilgeas ceud lomaran geala anns a' bhliadhna.
greideal
Dearg fodha,
dubh 'na mheadhan,
geal air uachdar.
greideal

I

Chaidh Fionn dhan bheinn,
is cha deach Idir,
dh'fhàs a bhean tinn,
is cha do dh'fhàs Idir.
'Idir' a chù
Rud a leaghas a' ghrian,
chruadhaichidh an t-uisge.
ìm
Maide fada fiar,
a' tighinn air tìr air talamh cian,
maide biorach, tollach, tairgneach,
maide balg-fhionn, fada, crom.
isneach
Bean an taigh a' gliogain,
bean an taigh a' glagan,
bean an taigh nach do dh'ith mìr biadh,
is nach do rinn a-riamh altachadh.
iuchar
Mo ghaol a' chas a shiubhlas fada,
is tu m' fhear, mo mhac is mo bhràthair.
'S tu ogha MhicAoidh is tu mac MhicAoidh,
's b' i nighean MhicAoidh do mhàthair.

L

Chunnaic mi iongnadh an-dé,
mas iongnadh leam, is iongnadh e,
fear mór a' tighinn bhon an cheò,
agus e beò, gun anail 'na chreubh.
lasair teine
Is gile i na canach an t-sléibhe,
is gile i na léine no anart,
is meanbh-bhrùcach i na uchd na druideige,
agus òlaidh i mar a gheibh i.
litir
Làir bhàn a thig á Sasainn gun a chas 'fhliuchadh.
litir
Sgrìob dhubh air talamh bàn,
is fear 'ga cur le 'smaointean.
litir
Théid i a-null air a' chuan,
thig i a-nall air a' chuan,
innsidh i naidheachd,
is chan abair i guth.
litir
Théid i a-null thar na linne,
is thig i a-nall thar na linne,
innsidh i naidheachd,
is chan abair i smid.
litir
Bithidh e a-muigh,
bithidh e a-staigh,
bithidh e an taigh an lodain,
ceann corrach air a bhas,
buailidh e gnocag.
loinid
Bàrr biorach air, is cha mhinidh e,
roinn gheur air, is cha sgeilb e,
feusag air, is cha ghobhar e,
tòn odhar air, is chan earb e.
luachair
Tioram cha ghabh,
fliuch gabhaidh.
luaithre is ola

M

Ceithir casan sa mhadainn,
a dhà am feasgar,
agus trì am beul na h-oidhche.
mac an duine
Tha ceithir casan air sa mhadainn,
gidheadh tha astar luath air chall,
le 'dhà mu mheadhan latha,
nì e a' chùis gu mór is nas fhearr,
ged a gheibh e am beul na h-oidhche trì,
cha siubhail e ach gu mìn, mall.
mac an duine
Struthan a' dol an aghaidh bruthaich
mart ag òl deoch
Ceithir 'nan ruith,
ceithir air chrith,
dithis a' coimhead san adhar,
dithis a' dèanamh an rathad,
agus aon ag éigheachd.

mart 'na ruith - casan, sinean,
adhaircean, sùilean is beul
Gu dé do phrìomh luchd-cuideachaidh?
cóignear anns gach taic,
cóignear anns gach glaic,
is cóignear nach faic thu an tairbheartas.
meòir do choise, do làimhe
is d' fhaireachdainnean
Baraille gun tòn, is e làn de dh'fheòil duine.
meòir thàilleir
Is lugha e na luch, is motha e na frìde
's tha uiread air de dh'uinneagan
's a tha air lùchairt mhór an rìgh.
meòir thàilleir
Tobaran gun ghrùnnd, is e loma-làn de dh'fhuil,
de chnàimh agus de dh'fheòil.
meòir thàilleir
Tuba gun mhas, is i làn feòla.
meòir thàilleir
Ciod iad na trì beathaichean as luaithe air sliabh?
mial-chù, fiadh is seabhag-gorm

N

Rud nach eil, rud nach robh is nach bi,
sìn do làmh, is chì thu e.
nach eil na meòir co-ionnan am fad
Latha Féill-Bhrìghde thig an rìbhinn ás an tom,
cha bhean mise ris an rìbhinn,
is cha bhean an rìbhinn rium.
Có i?
nathair
Tha slatag an coille Alasdair,
cha ghiuthas i, cha darach i,
chan aon fhiodh air thalamh i,
is cha tomhais thu gu oidhche i!
nathair
Rud a tha, is a bha, is a bhios,
sìn do làmh, is chì thu e.
na thig aig a' mheur mheadhan air càch
A' mhuc a thàinig á Éirinn,
is ann oirre fhéin a bha an éiginn searbh,
trì "tonna' trì "tanna'
muc air fhichead is fichead mheanbh.
na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm
Trì mucan turra, turra,
trì mucan tarra, tarra,
muc an Ear, is muc an Iar,
is pian air an fhear nach tomhais.
na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm
Dà chois shìos,
trì casan shuas,
is ceann a' bheò am beul a' mhairbh.
neach agus poit thrì-chasach air a cheann
Chì sinne bitheanta e,
chan fhaic an rìgh ach ainmig e,
agus chan fhaca Dia a-riamh e.
neach nas àirde na e fhéin
Todhar dubh 'ga chur air talamh geal,
is fear 'ga chur le smuaintean.
neach a' sgrìobhadh litreach
Cochallan beag cho cruinn, cho cruinn,
deich teangannan san aona cheann,
is fichead sùil is chan iongnadh leam.
nead eòin ann an ceann caorach
Latha dhomh is mi a' siubhail bheann,
chunnaic mi na b' ionghnadh leam,
fichead sùil san aon cheann,
deich teangannan a' bruidhinn rium.
nead eòin ann an claban-cinn
Tomhais tomhais tòimhseachan,
eadar mi fhìn is mo Dhòmhnallan,
toillidh ceud nan ceudan ann,
is cha toill mi fhìn 'nam ònrachd ann.
nead an t-seillein

P

Dà rud bheaga dhubha, co-ionnan ri a chéile,
tha aon dhiubh uile ceàrr, is aon dhiubh uile ceart,
ach nan robh an t-aon a tha uile ceart,
air a dhèanamh uile cearr,
bhitheadh an t-aon a tha uile cearr,
air a dhèanamh uile ceart.
paidhir bhrògan
Tobar a' siubhal air còmhnard réidh,
agus a shruthan 'na dhéidh car dubhach.
peann
Thàinig e a feòil,
is chan e feòil a tha ann,
innsidh e naidheachd,
gun teanga 'na cheann.
peann ite
Théid e a-null air an abhainn,
thig e a-nall air an abhainn,
gearraidh e am feur,
agus chan ith e e.
peilear gunna
Ti-toman, to-toman,
còta beag dubh,
trì casan iarainn,
is beul mór tiugh.
poit thrì-chasach
Trì casan nach gluais,
dà chluais nach cluinn,
beul mór nach bruidhinn,
agus aisean gun druim.
poit thrì-chasach
Trì casan oirre is cha choisich i,
dà chluais oirre is cha chluinn i,
beul mór aice is cha bhruidhinn i,
is màs mór cruinn oirre.
poit thrì-chasach

R

Thànaig ceathrar a-nall gun bhàta gun long:
fear buidhe fionn,
fear slatagach donn,
fear a bhualadh na sùiste,
fear a rùsgadh nan crann.
na (ceithir) ràithean
Teadhar fhada chaol bhàn,
is i 'na tàmh daonnan.
rathad mór
Fear dubh, nàmhaid clisgeadach,
bheir e ort ruith air uisgeachan.
reòthadh
Each dubh, is each donn,
bonn ri bonn,
ged is luath an t-each dubh,
is seachd luaithe an t-each donn.
roth-muilinn
Each dubh, dubh, is e a' mire ris an t-sruth,
chan eil an Éirinn no an Alba na leumas air a mhuin.
roth-muilinn
Rud mór cruinn, dubh,
a bhios a' mireadh ris an t-sruth,
chan eil an Albainn no an Éirinn,
a leumas air a mhuin.
roth-muilinn
Rud mór torrach,
bidh e a' mireadh ris an tuil,
is ged a bhios e ro saothair,
cha chaochail e a chruth.
roth-muilinn

S

Mo thrì chaora chuime-chasach,
air an leathad fhuar-chasach,
is air a' ghleann as fhaide a-mach,
is doirbh iad ri am buachailleachd.
seangain
Molt dubh anns a' choill,
gun alt 'na dhruim,
gun sùgh, gun sàill,
gun cheann cnàmha.
seilcheag
Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is math a nì i dranndan,
currac dhen chneaschullain oirre,
is còta buidhe plangaid.

seillean
Faruman fearuman,
a' dol a-steach dhan t-searmoin,
còta goirid dearg air,
is seana bhriogais ghlas.
seillean
Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currac air, dà adhairc air,
is còta buidhe frangach.
seillean
seillean
Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currac uime, dà ghob aige,
is còta buidhe Frangach.
seillean
Tha bodachan an taigh mo athar,
bithidh e tric a' dranndan,
currac air is e a' dol a laighe,
is còta fada Frangach.
seillean
Tha taigh mór aig féilleagan,
air cùl a' chnuic dhen chòmhnardan,
théid ceud nan ceudan ann,
is cha déid mi fhìn 'nam aonar ann.
féilleagan beag bìdeach gun lochd,
fad na ràithe geamhraidh anns an t-sop.
tràth a thig an ràithe shamhraidh,
seinnidh e port,
is bho bharr an neòinean òlaidh e deoch,
latha dhomh, is mi a' dèanamh chruach,
feasgar foghair, is càch a' buain,
chuala mise le mo chluais,
gaoir am bruaich aig féilleagan.
seillean
Is mi mi fhìn,
is mi gach duine,
ach sgrìob mo dhruim,
is cha mhi duine idir.
sgàthan
Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda
sgòth
Talamh geal is treabhadh dubh is tu 'ga chur le d' inntinn
sgrìobhadh
Bean uaine bhòidheach,
air cùl na còmhla,
gun bhoineid, gun bhòtann,
ach ròpa mu a meadhan.
sguab-fhraoich
B' e am fiodh an iuchair,
an t-uisge a' ghlas,
chailleadh na sealgairean,
agus fhuair an t-sealg ás.
slat-draoidheachd Mhaois, A' Mhuir Ruadh,
na h-Éiphitich is clann Iosrail
Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach ag slaodadh.
snàthad is snàthainn
Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach slaodte rithe.
snàthad is snàthainn
Thàinig eun gun iteag,
is laigh e air lag tobhtaige,
thàinig eun gun bheul,
is dh'ith a eun gun iteag.
sneachd agus uisge
Tha mi air bòrd gach maith is gach mith,
is tha mi an còmhnaidh làn,
gigheadh cha deach a-riamh 'nam chorp,
na thogadh tu air spàin.
spàin
Damh donn a' dol tron choille,
is chan eil slat anns a' choille,
nach bean ri a dhruim.
spàl-figheadair
Mias mhór fheòdair is ceud toll òir innte.
an speur
Siud e, agus có a chì e?
sradag
Lùbaidh na mairbh air gach taobh dhiubh le ùmhlachd,
ach leumaidh na beò a-null air an ceann.
stairean



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean