Tòimhseachain

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search

A

Tha bràthair aig bràthair mo athar,
is cha bhràthair athar dhomh-sa e.
'athair fhèin
Dé as seirbhe na an nimh?
achmhasan nàmhaid
Poit bheag neònach,
a' seòladh tron an tìr,
i loma-làn feòla,
’s a tòn os a cionn.
ad
Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile.
a' ghealach
Long mhór nam bàn-seol bòidheach,
nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe.
a' ghealach
Tha long a' seòladh cuain fo thàmh,
le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha,
ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas,
bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth.
a' ghealach ùr
Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e,
théid e dhan chiste is cha mhùchar e,
théid e dhan teine is cha loisgear e,
is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air.
a' ghrian
Cha mhac athar, no màthar dhomh e,
cha mhac peathar, no bràthar dhomh e,
ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille.
a mhac fhéin
Cha mhotha e na gràinean eòrna,
's còmhdaichidh e bòrd an rìgh.
amharcan
Rugadh i gun anam,
bhàsaich i gun anam,
ach bha anam innte.
a' mhuc-mhara a shluig Iòna
Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais?
anail
Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e?
anns an àirc
Tha mi nas àirde na beanntan an domhain,
agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas,
cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna,
ged a tha mi nas truime na mìle tunna.
an t-àile
Rugadh e gun anam,
bhàsaich e gun anam,
agus bha anam ann.
an t-uilebheist a shluig Iòna

B

Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill,
siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg.
bad ceò
Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh,
is chan eil an taigh as a aonais.
balla
Có iad na trì uilc a thig le aois?
baothachd, boile is bàs
Bean an taighe a' gliogadaich,
bean an taighe a' glagadaich,
bean an taighe ag ithe biadh,
is cha do rinn i a-riamh altachadh.
beart-làimhe
Tomhais, tomhais a laoigh mhìn,
gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn,
no dé an t-slat a bha làimh Fionn,
a' dol tron choille dorcha luim?
bioran-deighe
Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì mìle thar a' chuain,
fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail,
ag imeachd air an talamh bhuan.
am bàs
Chì mi thugam thar an eas,
fear beag, cùirneanach, cas,
cearb de dh'aodach fo a shlios,

is làn an t-saoghail fo a los.

am bàs
Coinnlear òir air bòrd dà shliseig,
tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e.
am bàs
Cha siubhail e san adhar,
cha siubhail e air làr,
ach siubhlaidh e sàr,
eadar làr agus adhar.
bàta
Rud nach gluais gun mhóran suim,
mura bi a dhruim fodha.
bàta
Bó mhór odhar an cois na tràghad,
laogh 'na déidh is i gun dàir.
bàta is geòla
Sheall mi a-mach air uinneig mo sheanmhar,
is chunnaic mi am marbh a' giùlan nam beò.
bàta is sgioba
Maide caol cam sa choille ud thall
is cha chluinn thu 'na cheann ach gliog agus gliong.
beart-fhighe
Sruth an aghaidh àirde.
beathach ag òl dighe
Làn taighe chaorach geala,
is aon chaora dhearg ann,
agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich.
beul, deud is teanga
Craobh cham chaorainn,
an taobh taigh an tuathanaich,
ged a thigeadh luchd an t-saoghail,
chan fhaodadh iad a buain ás.
a bhean
Chaidh ceathrar a-null,
gun choit gun long,
fear fada fionn,
fear leadagach donn,
fear a bhualadh nan stùc,
fear a rùsgadh nan crann,
is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?
bliadhna, ràithean, seachdainean,
làithean is uairean
Craobh mhór agus ceithir meòir oirre,
trì nid deug anns a h-uile meur,
seachd uighean anns a h-uile nead,
agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh.
bliadhna, ràithean, seachdainean,
làithean is uairean
Chì mi, chì mi air fàire,
ailleagan na gréine,
fear an aodaich uaine,
is snàithlean dearg mu a léine.
bogha-froise
Cailleach sa chùil,
agus bior 'na dà shùil,
is i a' gàireachdadh, gàireachdadh.
brà
Is e cròileagan beag cròileagan,
tomhais tomhais tòimhseachan,
a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan,
thoillidh ceud nan ceudan ann,
is cha toill mi fhìn 'nam aonar ann.
brà
Am mac a' tighinn bhon a mhàthair,
is a mhàthair ag imeachd uaithe.
briseadh-latha
Dubhag, dubhag a-mach an doras,
is cnàimh duine aice 'na bheul.
bròg
Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul
bròg
Có a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine?
bròg na cuthaige
Tha sùilean ann, is chan fhaic e nì,
tha e feumail a chum bidhe,
tha rùsg 'ga chomhdachadh anns gach ball,
cha chaora is cha chraobh a tha ann.
buntàta

C

Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill,
siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg.
bad ceò
Chan ith thu e,
chan òl thu e,
is cha bhi thu beò ás aonais.
cadal
Rugadh e mun do rugadh a athair,
agus chaochail e mun do rugadh a mhàthair.
Cain no Abail
Chì mi thall air faireagan,
air ailt na h-éilde ruaidhe,
am mac a' tighinn bhon mhàthair,
is a' mhàthair a' teicheadh bhuaidhe.
camhanaich
Tha moigean molach, molach,
a' sìor-thuineachadh a' mhonaidh,
is gile e na gobhair an aonaich,
is gile na caoraich am moigean molach.
canach
Thugadh biadh gu triùir,
a-null thar lochan an fhéidh,
dh'ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh leis fhéin.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Thugadh biadh gu dithis,
gu ceann Loch MaRuibhe,
dh'ith am biadh an dithis,
is thill e dhachaigh a-rithist.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Thugadh biadh gu triùir,
gu cùl beinn a' cheò,
dh'ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh beò.
cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin
Fear beag spòrsail,
a' falbh na mòintich,
le spuir agus bòtannan,
is beul adhairce air.
coileach-fraoich
Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is creagada creag air a muin,
casan oirre, is i gun làmhan,
is ultachan catha 'na h-uchd.
cearc
Am mac air an spàrr is an t-athair gun bhreith.
ceò á teine nach dàinig thuige
Is mìn' i na sìoda
Is àird' i na taigh an rìgh.
ceò á simileir
Gu dé a tha nas cruinne na ball,
is nas faide na long?
ceairsle-shnàtha
Thiodhlaic mi mo naoinear nigheannan, mar sheachdnar ann an Cille MoNeachdainn ann an Ì.
chaidh dithis a chur san aon uaigh aig dà àm
Is cumhang an taigh seo,
dhan neach a nì ann tàmh,
e gun uinneag, gun doras,
'ga fhosgladh gu bràth.
ciste-laighe
Chì mi, chì mi fada bhuam,
leth-cheud aitheamh thar a' chuain,
luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam,
a' leumadh air talamh cruaidh.
clachan-meallain
Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì fichead mìle anns a' chuan,
fear gun fhuil, gun fheòl, gun anam,
a' dannsa air an talamh fhuar.
clach-mheallain
Muc dhubh dhorcha,
an ceann taigh Fhearchair,
dithis 'na ceann,
is triùir 'na h-earball.
clach-stéidhe
Dà fhear dheug san aon leabaidh,
agus gach aon air an iomall.
clàir baraille
Is mairg aig am bi iad,
is mairg aig nach bia iad,
có iad?
clann
Chunnacas iongnadh leam an-diugh,
is mas iongnadh leam is iongnadh dhut,
ceithir daimh gun fhuil, gun fheòil,
a' spìonadh feòir á talamh dubh.
cliath-chliata
Bodach beag an taobh an teine,
bior 'na ghoile, is boineid air.
clobha
Bean bheag mhoganach,
suidhidh i taganach,
bithidh i torrach a h-uile bliadhna,
is bithidh laogh beag geal aice.
cnò
Arsa cailleach:
nam biodh agam na bheil agam,
uiread eile, is a leth uiread,
dà ghèadh, agus bloigh geòidh,
dhèanadh sin fichead.
Có mheud a bha aice?
cóig
Anna bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a ghabhas i,
is mar as faide a sheasas i,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.
coinneal
Nighean bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a bhios i ag ithe,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.
coinneal
Eunan beag foirmeil, foirmeil,
bithidh e a-muigh ri sìde stoirmeil,
is ged nach do chuir e a-riamh a chùl ann,
chan eil feum ri aimsir chiùin ann.
coileach-gaoithe
Siubhlaidh e na lianagan,
siubhlaidh e na brianagan,
siubhlaidh e an t-iomaire fada,
is thig e dhachaigh anmoch.
corran
Có an crann nach dèan treabhadh
ged a chuireadh tu daoine 'ga stiùireadh agus eich 'ga tharraing?
crann-sgadain
Taigh beag anns an àirde an iar,
is cóig ceud doras air.
criathar
Tha bodach beag sa chùil sin,
is dà shùil deug ann.
criathar
Crioganta, craganta, cruaidh,
is tana lom a ghruaig,
is cruaidh craiceann a dhà làimhe,
a shùilean am meadhan a chléibh,
agus a fheòil am meadhan a chnàmh.
crùbag
Is tana craiceann do ghruaidh,
is cruaidh craiceann do dhà làmh,
tha do dhà shùil am meadhan do chliabh,
agus do fheòl am meadhan do chnàmh.
crùbag
Ciamar a thaghadh Fionn a chù?

Sùil mar àirne,
cluas mar dhuilleig,
uchd mar ghearran,
speir mar chorran,
is an t-adhbrann fada bhon cheann.
Bean an taighe a' gliogan,
bean an taighe a' glagan,
bean an taighe a dh'ith am biadh,
is cha do rinn a-riamh altachadh.
cuidheall-shnìomha
Caora bhiorach, bhiorach,
i gu sionnach, sionnach,
i gu luath, gu luath,
braith-lìn m' a tòin,
is i a' glaodhadh, a' glaodhadh.
cuidheall-shnìomha
Sìor dhol a-null,
freagraidh i dha a srian,
marcaichidh i gu dian,
is i ag atharrachadh nan searrach gu tric,
muinichidh i air an fhéill,
is math agam fhéin i a-nochd.
cuidheall-shnìomha
Có e an currac nach do rinneadh a-riamh le làmhan daoine?
currac-an-rìgh

D

Dà fhitheach air creig,
dà fhitheach gob ri gob,
fitheach ag eughachd air fitheach,
có mheud fitheach a bha an-sin?
dà fhitheach
Tha mìle dearcag air an t-sliabh,
nach itheadh neach a rugadh a-riamh,
fàsaidh iad ri oidhche bhrèagh,
ach siubhlaidh iad nuair a dhealras grian.
dealt
Am mac air an sparr,
is a mhàthair gun bhreith.
deatach
'S àirde e na taigh an rìgh,
's mìne e na sìoda,
's géire e na an claidheamh.
deatach
Théid mi a-null air mo dhrochaid ghlainne,
thig mi a-nall air mo dhrochaid ghlainne,
is ma bhriseas mo dhrochaid ghlainne,
chan eil an Albainn no an Éirinn,
a chàireas mo dhrochaid ghlainne.
deigh
Tha tòimhseachan agam ort,
chan e d' aodach 's chan e d' fhalt,
chan e ball a tha 'nad chorp is tha e ort,
is tomhais e.
d' ainm
Tha tòimhseachan agam ort,
chan e do cheann, chan e do chas,
chan e d' éideadh, chan e d' fhalt,
chan e ball a tha 'nad chorp,
ach tha e ort, is cha tomhais thu e.
d' ainm
Sìn a-mach do làmh,
is chì thu rud nach eil, nach robh 's nach bi.
do mheòir air an aon fhaid
Chan eil e a-muigh,
chan eil e a-staigh,
is cha dig an taigh ás aonais.
doras
Théid na mairbh seachad fodha,
le othail is le sòlas,
is na beò air a uachdar,
le suairceas is le eòlas.
drochaid
Có an druim as treasa a tha air an t-saoghal?
druim a' chuain
Có e an deagh charaid dìleas,
as trice a ghiùlaineas gu dìblidh d' eallach?
do dhruim fhéin
Iarann a cheann,
each a mhuineal,
maide a mheadhan,
duine a bhun.
dubhan, snòd, slat is iasgair
Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e,
shuidh mi air tom is cha d'fhuair mi e,
nam bithinn air 'fhaighinn, bha mi air 'fhàgail,
is bho nach d'fhuair mi e, thug mi leam e.
duine cas rùisgte le dris 'na chois
Chaidh mi dhan choille is gun d'fhuair mi e,
shuidh mi air cnoc is gun do dh'iarr mi e,
nan d'fhuair mi e, thilginn bhuam e,
ach bho nach d'fhuair, thug mi dhachaigh e.
dris ann an cois
Moigean mìn, mìn, molach,
a thig air tìr air na torran,
chan ith crodh no caoraich e,
ach ithidh daoine am moigean molach.
duileasg
Dà chois shìos, trì casan shuas,
làn fàileadh is feòil,
ceann a' bheò am beil a' mhairbh.
duine le poit trì-chasach air a cheann

E

Craobh ghioganach, ghàganach,
a bun gu h-àrd, is a barr gu h-ìseal.
earball beathaich
Ri àm stoirme, is ri àm fèatha,
ri àm lìonaidh, is ri àm tràghaidh,
is ris gach àm bho cheann na bliadhna,
cha dèan strìochadh dhuinn a ghàire.

eas
Trì bà bhreaca an cois na leacainne,
nach do bhleoghainneadh deur de am bainne a-riamh.
eas
Trì bà bhreaca a' leum le leacainn,
cha nighear iad, is cha bhlioghar iad,
is àirde an geum na geum na buaile,
trì bà uallach aigeannach.
eas
Trì bà bhreaca a' ruith le leacainn,
cha chuir banachag buarach orra,
is cha chuir buachaille stad orra.
eas
Dé as duibhe na am fitheach?
eug

F

Tuba gun mhàs a ghléidheas fuil is feòl is cnàmhan
fàinne
Chì mi thall air fàinneachan,

air bhàrr na lice ruaidhe, an t-uan a' tighinn bho 'mhàthair, is a' mhàthair a' tighinn bhuaithe.

fàinneachd an latha
Tha companach leat tric a shaothair,

ach chan eil math no cron 'na shaothair, is ged a nì thu a' chùis cho math as aonais, cha ghabh e a chur bhuat air saodach.

fallas
Théid mi a-null air mo rathad mór,

thig mi a-nall air mo rathad mór, is bheir mi leam mo rathad mór air mo mhuin.

fàradh
Chunnaic duine gun sùilean,

craobh air an robh ùbhlan, vha dug e ùbhlan dhith, is cha do dh'fhàg e ùbhlan oirre. Ciamar a bha sin?

fear cam, dà ubhal agus thug e leis aon
Tha aon chas air tàl,

a dhà air circ, trì air furm-smeuraidh, is ceithir air each; ach cùnntais sin uile, is tha a dheich uairead, air a' chruinneig fhainn, is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?


fiolan nan ceud chas
Tha e ag éirigh a h-uile madainn,

is cha deach e a-riamh a laighe.

fuaran
Rud dubh, dubh,

a tha chum féim an iomadh cruth, cha déan e feum mura labhair e, is an déidh labhairt chan fhiach e.

fùdar



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean