An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seann-eòlas"

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
Loidhne 4: Loidhne 4:
 
:Gach fiodh air a bhàrr,
 
:Gach fiodh air a bhàrr,
 
:ach an fheàrna air a bun
 
:ach an fheàrna air a bun
 +
 +
==A' taghadh bean==
 +
Ciamar a thaghar bean
 +
 +
:A mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
 +
:Na tagh na dubha móra no na donna mala,
 +
:Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
 +
:No meall air muineal, no cnap air slugan,
 +
:No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
 +
:Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
 +
:Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.
 +
 +
==A' taghadh bean==
 +
Ciamar a thaghar bean
 +
 +
:Na pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
 +
:Na pòs maoltach thràghad,
 +
:Na pòs glag air gàrradh,
 +
:Is na pòs maighdean Sàbaid,
 +
:Ach pòs bean bheag odhar,
 +
:'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
 +
:Fuath aice air fir an t-saoghail,
 +
:Agus gràdh aice air a fear féin.
 +
 +
==A' taghadh each==
 +
Ciamar a thaghadh tu each?
 +
 +
:Mar shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim, dosach anns an earball;
 +
:Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus biorach anns a' chluais
 +
:Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus bog anns a' bheul.
  
 
==Adag seach cuiteag?==
 
==Adag seach cuiteag?==
Loidhne 31: Loidhne 61:
  
 
*Chaidh dithis bhan a-null an toiseach.  Thill aon, agus thug i a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhan i maille ri a fear fhéin.  Chaidh an-sin an dithis fear eile a-null.  Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh nam mnathan eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a fir fhéin.  Mar sin, fhuair iad uile a-null.
 
*Chaidh dithis bhan a-null an toiseach.  Thill aon, agus thug i a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhan i maille ri a fear fhéin.  Chaidh an-sin an dithis fear eile a-null.  Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh nam mnathan eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a fir fhéin.  Mar sin, fhuair iad uile a-null.
 +
 +
==Am marbh a' tìodhlacadh nam beò==
 +
Ciamar a thìodhlaiceas am marbh am beò?
 +
 +
:smàladh teine
 +
 +
==An triùir mharbh as bòidhche==
 +
Ciod iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?
 +
 +
:Breac geal, coileach dubh is leanabh beag
 +
 +
==Ceithir aoisean an duine==
 +
Ciod iad ceithir aoisean an duine?
 +
 +
fichead bliadhna a' teachd,
 +
fichead bliadhna chum math,
 +
fichead bliadhna a' meath,
 +
fichead bliadhna gun rath.
  
 
==Coltas nàire air an uaireadair==
 
==Coltas nàire air an uaireadair==
Loidhne 36: Loidhne 84:
  
 
:Tha a dhà làmh daonnan air a aodann
 
:Tha a dhà làmh daonnan air a aodann
 +
 +
==Dòmhnall Gorm a' taghadh bìrlinn==
 +
Ciamar a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?
 +
 +
:Leagail bheag is togail bhog,
 +
:Snìomh fhada 'na goid is i gun tuim,
 +
:Sliasaid agus gualann chruinn,
 +
:Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
 +
:Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
 +
:Is a dhà thrian de leud 'na tòin.
  
 
==Fiacaill air a dhìochuimhneachadh?==
 
==Fiacaill air a dhìochuimhneachadh?==
Loidhne 53: Loidhne 111:
 
:ge b' oil leat
 
:ge b' oil leat
  
 +
==MacCormaig a' taghadh bean==
 +
Ciamar a thaghadh MacCormaig bean?
  
Ciamar a thaghar bean
+
:Pìobaire na tobhta, dh'iarr Cormag a seachnadh,
 +
:Meall air slugan is guc air sgòrnan, dh'iarr Cormag a seachnadh,
 +
:Gleadhradh mhór a' ghàrraidh, dh'iarr Cormag a seachnadh,
 +
:Té mhór odhar an doras a sabhail, dh'iarr Cormag a seachnadh,
 +
:Ach ciarag bheag air dath na lucha,
 +
:Na sir is na seachain ise.
  
A mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
+
==Na ceithir comharraidhean==
Na tagh na dubha móra no na donna mala,
+
Ciod iad na ceithir comharraidhean air céill?
Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
 
No meall air muineal, no cnap air slugan,
 
No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
 
Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
 
Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.
 
Ciamar a thaghar bean
 
  
Na pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
+
:Foighidinn, stòldachd, stuamachd is deas-bhriathrach
Na pòs maoltach thràghad,
 
Na pòs glag air gàrradh,
 
Is na pòs maighdean Sàbaid,
 
Ach pòs bean bheag odhar,
 
'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
 
Fuath aice air fir an t-saoghail,
 
Agus gràdh aice air a fear féin.
 
Ciamar a thaghadh Mac Cormaig bean?
 
  
Pìobaire na tobhta,
+
=Na ceithir nithean as miosa==
  dh'iarr Cormag a seachnadh,
+
Ciod iad na ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?
Meall air slugan is guc air sgòrnan,
 
  dh'iarr Cormag a seachnadh,
 
Gleadhradh mhór a' ghàrraidh,
 
  dh'iarr Cormag a seachnadh,
 
Té mhór odhar an doras a sabhail,
 
  dh'iarr Cormag a seachnadh,
 
Ach ciarag bheag air dath na lucha,
 
Na sir is na seachain ise.
 
Ciamar a thaghadh tu each?
 
  
Mar shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim,  
+
:Diùbhaidh teine, feàrna ùr,
  dosach anns an earball;
+
:Diùbhaidh dighe, fìon sean,
Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus biorach
+
:Diùbhaidh duine, mi-rùn,
  anns a' chluais
+
:Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.
Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus bog
 
  anns a' bheul.
 
Ciamar a thiodhlaiceas am marbh am beò?
 
  
smàladh teine
+
==Na roinn as fhearr de dh'éisg==
Ciamar a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?
+
Ciod iad na roinn as fhearr de dh'éisg?
 
 
Leagail bheag is togail bhog,
 
Snìomh fhada 'na goid is i gun tuim,
 
Sliasaid agus gualann chruinn,
 
Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
 
Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
 
Is a dhà thrian de leud 'na tòin.
 
Ciod iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?
 
 
 
breac geal, coileach dubh is leanbh beag
 
Ciod iad ceithir aoisean an duine?
 
 
 
fichead bliadhna a' teachd,
 
fichead bliadhna chum math,
 
fichead bliadhna a' meath,
 
fichead bliadhna gun rath.
 
Ciod iad na ceithir comharraidhean air céill?
 
 
 
foighidinn, stòldachd, stuamachd
 
is deas-bhriathrach
 
Ciod iad na ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?
 
  
Diùbhaidh teine, feàrna ùr,
+
:Cliabh sgadain,
Diùbhaidh dighe, fìon sean,
+
:tarr bradain,
Diùbhaidh duine, mi-rùn,
+
:is cùl cinn a' bhric duibh
Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.
 
Ciod iad na roinn as fheàrr de dh'éisg?
 
  
cliabh sgadain,
 
tàrr bradain,
 
is cùl cinn a' bhric duibh
 
 
Ciod iad na sia buadhan a bha a' cumail suas na Féinne?
 
Ciod iad na sia buadhan a bha a' cumail suas na Féinne?
  

Mùthadh on 17:11, 19 dhen Dùbhlachd 2011

A' sgoltadh fiodh

Ciamar a sgaoiltear fiodh?

Gach fiodh air a bhàrr,
ach an fheàrna air a bun

A' taghadh bean

Ciamar a thaghar bean

A mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
Na tagh na dubha móra no na donna mala,
Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
No meall air muineal, no cnap air slugan,
No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.

A' taghadh bean

Ciamar a thaghar bean

Na pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
Na pòs maoltach thràghad,
Na pòs glag air gàrradh,
Is na pòs maighdean Sàbaid,
Ach pòs bean bheag odhar,
'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
Fuath aice air fir an t-saoghail,
Agus gràdh aice air a fear féin.

A' taghadh each

Ciamar a thaghadh tu each?

Mar shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim, dosach anns an earball;
Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus biorach anns a' chluais
Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus bog anns a' bheul.

Adag seach cuiteag?

Ciamar a dh'aithnichear adag seach cuiteag?

Ball dubh air an adaig
is earball fada air a' chuiteig

Agh MhicBharais

Ciamar a thaghadh MacBharais agh?

E a bhith leathann os a chionn,
Goirid an dà shùil am beul,
Gaoisid dualach tiugh is i dlùth,
Gun a bhith bho ghlùin ach réis,
Adharc fhada, gorm, no dearg,
Speir mholach, leathann, gharbh,
Bhitheadh e searbh mura bitheamaid réidh.

Aiseag an t-Sionnach, na goibhre is an fheòir

Cha b' urrainn am fear-aiseig a thoirt leis ach aon air gach turas, agus nam fàgadh e leotha fhéin iad, dh'itheadh an sionnach a' ghobhar is dh'itheadh a' ghobhar am feur. Ciamar a chaidh aige air an giùlan?

  • Thug e a' ghobhar a-null an toiseach is dh'fhàg e an sionnach agus am feur. Thill e an-sin a dh'iarraidh an t-sionnach agus air dhà aiseag, thug e leis a' ghobhar air ais agus dh'fhàg e i. Dh'aisig e a-nis am feur a dh'fhàg e còmhla ris an t-sionnach agus thill e a dh'iarraidh na goibhre.

Aiseag nam fear is nam mnathan

Bha sianar a' sireadh aiseig tha caolais, triùir fhear agus am mnathan. Cha robh ri a fhaighinn ach coit bheag nach dugadh leithe ach dithis aig an aon àm. Bha na fir ag eudach air chor is nach faodadh aon dhiubh a bhith air a fhàgail ach le a mhnaoi fhéin. Ciamar a fhuair iad a-null?

  • Chaidh dithis bhan a-null an toiseach. Thill aon, agus thug i a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhan i maille ri a fear fhéin. Chaidh an-sin an dithis fear eile a-null. Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh nam mnathan eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a fir fhéin. Mar sin, fhuair iad uile a-null.

Am marbh a' tìodhlacadh nam beò

Ciamar a thìodhlaiceas am marbh am beò?

smàladh teine

An triùir mharbh as bòidhche

Ciod iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?

Breac geal, coileach dubh is leanabh beag

Ceithir aoisean an duine

Ciod iad ceithir aoisean an duine?

fichead bliadhna a' teachd, fichead bliadhna chum math, fichead bliadhna a' meath, fichead bliadhna gun rath.

Coltas nàire air an uaireadair

Ciamar a tha coltas nàire air an uaireadair?

Tha a dhà làmh daonnan air a aodann

Dòmhnall Gorm a' taghadh bìrlinn

Ciamar a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?

Leagail bheag is togail bhog,
Snìomh fhada 'na goid is i gun tuim,
Sliasaid agus gualann chruinn,
Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
Is a dhà thrian de leud 'na tòin.

Fiacaill air a dhìochuimhneachadh?

Ciamar a tha fiacail a chaidh a tarraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?

Dh'fhalbh i ás a' cheann

Leabaidh an t-slaodaire

Ciamar a tha leabaidh an t-slaodaire ro ghoirid dha?

Tha e ro fhada innte

Mac-talla

Ciamar a tha mac-talla coltach ri boireannach?

Bidh am facal mu dheireadh aige
ge b' oil leat

MacCormaig a' taghadh bean

Ciamar a thaghadh MacCormaig bean?

Pìobaire na tobhta, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Meall air slugan is guc air sgòrnan, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Gleadhradh mhór a' ghàrraidh, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Té mhór odhar an doras a sabhail, dh'iarr Cormag a seachnadh,
Ach ciarag bheag air dath na lucha,
Na sir is na seachain ise.

Na ceithir comharraidhean

Ciod iad na ceithir comharraidhean air céill?

Foighidinn, stòldachd, stuamachd is deas-bhriathrach

Na ceithir nithean as miosa=

Ciod iad na ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?

Diùbhaidh teine, feàrna ùr,
Diùbhaidh dighe, fìon sean,
Diùbhaidh duine, mi-rùn,
Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.

Na roinn as fhearr de dh'éisg

Ciod iad na roinn as fhearr de dh'éisg?

Cliabh sgadain,
tarr bradain,
is cùl cinn a' bhric duibh

Ciod iad na sia buadhan a bha a' cumail suas na Féinne?

Àgh Fhinn, Làmh Ghoill, Prab-bhuillean Osgair, Iomairt ealamh Oisein, Ruith chruaidh Chaoilte, Is suidheachadh Chomail air a' chath. Ciod iad na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh?

cearc, caora is cailleach Ciod iad na trì àitean as fheàrr airson naidheachd?

taigh-òsda, muileann is ceàrdach Ciod iad na trì as luaithe anns a' chuan?

An rionnach, am bradan is an ròn, trì seòid a' chuain Ciod iad na trì buill cuirp as fuaire?

adharc daimh, sròn coin is glùn fir (le féileadh) Ciod iad na trì buillean as duiliche am fulang?

buille san t-sùil, sa ghlùin is san uillinn Ciod iad na trì comharraidhean air làraich mhallaichte?

deanntag, droman is traon Ciod iad na trì creutairean as beòthaile?

Mac banntraich aig am bi cròdh, Madadh muilleir aig am bi min, Searrach seann-làire air ghreigh, Triùir as meanmnaiche air bith. Ciod iad na trì gaothan as fuaire a tha ann?

gaoth an déidh aiteimh, gaoth tro tholl is gaoth bho bhonn siùil Ciod iad na trì gnèithean as dorra an stiùireadh?

gnè circe, muice is mnatha Ciod iad na trì nithean as dorra gréim a dhéanamh orra?

earr a' bhradain, cas-deiridh féidh is sgiath na muice-mara Ciod iad na trì nithean de nach do ghabh an Gàidheal a-riamh nàire?

breac á linne, fiadh á fireach is slat á coille Ciod iad na trì nithean a thig gun iarraidh?

eagal, eudach is gaol Ciod iad trì mallachdan an tuathanaich?

reothadh céitein, ceò iuchar is an taoitear sàileach (Ruairidh MacCoinnich, fear a chuir màl sgriosail air daoine) Ciod na trì nithean as milse a tha ann?

mo chuid fhìn, mo bhean fhìn is tighinn dhachaigh Ciod iad trì subhailcean a' bhàird?

ciocras coin gu làn a bhroinn, fios fithich a' ruith gu roic, pathadh frith-fhir gu òl a dhrama Có a' chailleach as cumhachdaiche a tha air an t-saoghail?

an geamhradh Có am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.

an t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa Có am beul as eagalaiche?

beul na h-oidhche Có am beul as solasaiche a tha air an t-saoghal?

beul an latha Có an t-each is an làir nach facas a-riamh a' treabhadh?

each-uisge is làir-mhaide Có am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.

an t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa Ciod iad na seachd miannan a tha a' comharrachadh chreutairean a-mach?

Miann mnatha, mac, Miann fir, feachd, Miann eich, aonach, Miann coin, sneachd, Miann bà, braon, Miann caorach, teas, Miann goibhre, gaoth, Air leathad caoin, cas. Có mheud crann a tha anns a' choille?

a dhà, eadhon ùr agus sean Có na casan as fhaide a tha air an t-saoghal?

gath-gréine

Có na fir as aigeannaiche a tha air an t-saoghal?

na Fir-Chlis Dé an tinneas as fheàrr na an t-slàinte?

breith Dé as brisge na currabhallan?

aigne mnatha eadar dithist fhear Dé as fheàrr do laoch?

gnìomh àrd is uaill ìseal Dé as fheàrr do mhnaoi?

tlàths Dé as fheàrr do rosg mnatha?

fuachd, dorchdas is cadal Dé as géire na an claidheamh?

ciall mnatha eadar dithist fhear Dé as fheàrr na seudan?

sgian Dé as gile na sneachd?

fìrinn Dé as lìonmhoire na feur?

driùchd Dé as luaithe na a' ghaoth?

mac-meanmna mnatha Dé as maoithe na clòimh?

deàrn ri leacainn Dé as milse na a' mhil?

briathran suiridhe Dé as miosa de bhiadh?

blianach is òl mil-deoch air a' chiad longadh Dé as seirbhe na an nimh?

achmhas nàmhaid Dé as teotha na an teine?

gnùis duine mhath air an dig aoighean is e gun bhiadh gun deoch Dé cho fada is a ghiùlanas ainmhidhean an àl?

trì mìosan cù, cóig bho lethcheud cat, is ionnan bean is bó, bliadhna mhór dhan each. Dé is long ri gach luchd?

teanchair gobhainn Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a' mhinig a thàinig.

am fear a bha ise a' sireadh, thréig e i, agus cha dug i a spéis dhan fhear a bha 'ga sireadh

Dh'fhaighnich gille de nighinn agus i aig uinneig fhosgailte, cuine a rachadh i leis air chuairt, is fhuair e an fhreagairt a leanas:

  An uair a thogas mi an lìon,
  A leagas mi a' ghlainne,
  Agus a chuireas mi am marbh a thiodhlacach a' bheò

Chaill e a dòchas an uair sin, seòl e thairis agus air dhà tilleadh an ceann trì bliadhna, chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i idir toilichte. Chuir seo smuairean air agus chaidh e a choimhead oirre agus fhuair e fuasgladh air na facail mar seo:

  Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhòrd,
  A dhùininn an uinneag,
  Agus a smàlainn an teine.

Cha do chùm sin fada mise, ged a bha thusa mì-fhoidneach.

Fionn agus Dubhan Thachair Fionn le buidheann anns an robh ceithir duine deug air Dubhan aig an robh an àireamh cheudna agus rinneadh deasachadh airson stréipe air ball. An-sin dh'àithn aon dhen chuideachd gum bu chubhaidhe suidhe aig cuirm mu bhòrd chruinn agus iad a bhith air am measgachadh a-réir is mar a shònraicheadh Fionn. Bha iad uile ri suidhe agus an déidh na cuirme bha e air a chur mar fhiachan air Fionn tòiseachadh air an cùnntas timchioll a' bhùird agus gach naoidheamh fear òrdachadh chum bàis. Chaidh sin a dhéanamh air dòigh cho seòlta is gun do mhearbhadh Dubhan agus a luchd leanmhainn uile, ged nach do chaill Fionn fiù a h-aon. Ciamar a chaidh aige air?

Ceathrar fhear fionn 'nan suidhe air thùs, A laoidheadh air mheamhair ri am bàs, Cóignear fhear dubha 'nan dàil, De dhearbh luchd cogaidh le Dubhan, Dithis bho MhacCumhail nam buadh, Agus aon bho Dhubhan dreach ruadh, Triùir bho Fhionn as àille dreach, Agus aon bho Dhubhan diùramach, Cha do shuidh Fionn anns a' bhrùgh bhàin, Gun dithis dubha air aon làimh, Dithis eile 'nam fochair-san, De mhuinntir Fhinn á Albainn, Triùir dhubha le Dubhan dil, Agus aon fhear fionn 'nam fochair-san, Dà chomhlaochan dubh 'nan dàil, Agus cha b' uilear dhà neach eile. Gu dé iad trì coilceadha na Féinne?

bàrr gheal-chrann, còinneach is ùr-luchair Is math a dhannsadh Ùisdean Friseal, Ùisdean Friseal, Ùisdean Friseal, Is math a dhannsadh Ùisdean Friseal, Leis an fhichead maighdinn, Cóignear roimhe, is 'na dhéidh, Cóignear roimhe is 'na dhéidh, Cóignear air gach làimh dheth. Có mheud maighdean a bha a' dannsadh leis?

bha e a' dannsadh leis fhéin, le cóig meòir air gach cois is làimh

Roinn a' Bhainne Bha aig tuathanach ri ochd gallain bhainne a roinn co-ionnan eadar dithis choimhearsnach agus gun ri a sheachnadh ach trì soitheachan a ghabhadh ochd, cóig is trì gallain fa leth. Ciamar a chaidh aige air roinn chothromach a dhéanamh?

Bha soitheach nan ochd làn agus lìon e soitheach nan trì. An-sin, chuir e an soitheach nan cóig na ghabhadh e a soitheach nan trì agus bha an roinn a-nis mar seo - aon, anns an fhear bheag; cóig, anns an fhear mheadhanach; agus a dhà, anns an fhear mhór. Dh'fhalamhaich e am fear meadhanach anns an fhear mhór agus chuir e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Lìon e an-sin am fear beag ás an fhear mhór agus dhòirt e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Bha mar sin ceithir gallain anns an fhear mheadhanach agus a' cheart uiread anns an fhear mhór. Seachd sgadain, sàth bradain; Seachd bradain, sàth ròin; Seachd ròin; sàth muice-mara bige; Seachd mucan-mara beaga, sàth cionnain-crò; Seach cionnain-crò, sàth mial-mhóir a' chuain.

  Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
  Na ith an t-aran a tha briste,
  Is na bris an t-aran a tha slàn,

arsa a' bhana-mhaighstir ris an t-seirbhiseach air dhì a ràdh gun robh i air a tolladh leis an acras agus iad a' buain anns an fhoghair. Cha robh mir de dh'aran briste anns an taigh.

Rinn an nighean mar a dh'iarradh oirre le toll a dhéanamh am meadhan gach bonnaich.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean