Làir a' mhinisteir

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 10:26, 8 dhen t-Samhain 2013 le Susanharris (Deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

Seasaidh no suidhidh a h-uile duine ann an cearcall an toiseach agus théid aonan a shònrachadh mar Rìgh. Théid an uairsin far-ainm a chur air a h-uile duine leis an neach a tha ri a t(h)aobh, can Am Balgair Buaireanta, Caileag gun Sgalag, Am Balach Salach, a' Chailleach Bhòidheach is mar sin air adhart. Gabh an Rìgh an rann seo an uairsin:

An Rìgh: Tha làir a' Mhinisteir air chall, 's mór an tàir' i bhith ann, chan aithne dhomhsa có ghoid i, mur do ghoid am Balach Salach1

Am Balach Salach: Chan fhìrinn sin!

An Rìgh: Feuch ma-tà có am fear eile!

1[no far-ainm eile sa chuideachd]

Gabhaidh am Balach Salach an rann seo an uairsin ach ma nì e mearachd sam bith, feumaidh e ùmhladh a dhèanamh a shònraicheas an Rìgh, can rudeigin a thoirt seachad no rudeigin a dhèanamh. Ach ge be dé an t-ùmhladh, gheibh e a shaoradh le dà òran a sheinn no seanfhacal a ràdh no tòimhseachan a chur no seasamh air a leth-chois car ùine no seasamh air a cheann-chaol no car a' mhuiltein a dhèanamh. Faodar ùine a shuidheachadh airson na cluiche seo no sgur nuair a thathar sgìth dheth.

Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean