An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Làir a' mhinisteir"
(Created page with "Seasaidh no suidhidh a h-uile duine ann an cearcall an toiseach agus théid aonan a shònrachadh mar Rìgh. Théid an uairsin far-ainm a chur air a h-uile duine leis an neach a ...") |

Loidhne 2: | Loidhne 2: | ||
An Rìgh: Tha làir a' Mhinisteir air chall, 's mór an tàir' i bhith ann, chan aithne dhomhsa có ghoid i, mur do ghoid am Balach Salach1
| An Rìgh: Tha làir a' Mhinisteir air chall, 's mór an tàir' i bhith ann, chan aithne dhomhsa có ghoid i, mur do ghoid am Balach Salach1

Am Balach Salach: Chan fhìrinn sin!
| Am Balach Salach: Chan fhìrinn sin!

An Rìgh: Feuch ma-tà có am fear eile!
| An Rìgh: Feuch ma-tà có am fear eile!

Am mùthadh mu dheireadh on 09:26, 8 dhen t-Samhain 2013
Seasaidh no suidhidh a h-uile duine ann an cearcall an toiseach agus théid aonan a shònrachadh mar Rìgh. Théid an uairsin far-ainm a chur air a h-uile duine leis an neach a tha ri a t(h)aobh, can Am Balgair Buaireanta, Caileag gun Sgalag, Am Balach Salach, a' Chailleach Bhòidheach is mar sin air adhart. Gabh an Rìgh an rann seo an uairsin:
An Rìgh: Tha làir a' Mhinisteir air chall, 's mór an tàir' i bhith ann, chan aithne dhomhsa có ghoid i, mur do ghoid am Balach Salach1
Am Balach Salach: Chan fhìrinn sin!
An Rìgh: Feuch ma-tà có am fear eile!
1[no far-ainm eile sa chuideachd]
Gabhaidh am Balach Salach an rann seo an uairsin ach ma nì e mearachd sam bith, feumaidh e ùmhladh a dhèanamh a shònraicheas an Rìgh, can rudeigin a thoirt seachad no rudeigin a dhèanamh. Ach ge be dé an t-ùmhladh, gheibh e a shaoradh le dà òran a sheinn no seanfhacal a ràdh no tòimhseachan a chur no seasamh air a leth-chois car ùine no seasamh air a cheann-chaol no car a' mhuiltein a dhèanamh. Faodar ùine a shuidheachadh airson na cluiche seo no sgur nuair a thathar sgìth dheth.