Dubh-fhacail

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 16:53, 19 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.

An gille 's a' chaileag

Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo:

An uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a' ghlainne,
Is a chuireas mi am marbh a thiodhlaiceadh a' bheò.

Chaill an gille a dhòchas leis an fhreagairt sin agus chaidh e air bòrd bàta is sheòl e thairis. Thill e an ceann cóig bliadhna agus chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i toilichte leis idir. Chaidh e a faicinn agus thug i fuasgladh a facail mu dheireadh:

Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhùird,
A dhùininn an uinneag,
Is a smàlainn an teine ...
agus cha do chùm sin fada mise
ach bha thus cho mì-fhoighidneach.

Cladh Cill-Dà-Bhi

Cladh Cill-Dà-Bhi, Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì, A-nochd is dubhach Doirbhean, An déidh na cloinne caoimhe.

  • Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.

Cruidheadh an eich

Chaidh fear do ghobhainn gus a each a chruidheadh is thuirt e ris a' ghobhainn:

Thoir dhen each na cruidhean a tha air,
Cruidh e leis na cruidhean a tha air,
Ach na cuir air na cruidhean a tha air.
  • Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.

Deoch-slàinte

Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.

  • Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.

Fionn 's am bruthach

Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.

  • Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.

Naoidh nigheannan

Thiodhlaic mi mo naoidh nigheannan mar sheachdnar, An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.

  • Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.

A' bhana-mhaighstir 's an t-searbhanta

Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:

Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn.
  • Rinn an t-searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean