Dubh-fhacail

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 16:50, 19 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "==An gille 's a' chaileag== Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

An gille 's a' chaileag

Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo:

An uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a' ghlainne,
Is a chuireas mi am marbh a thiodhlaiceadh a' bheò.

Chaill an gille a dhòchas leis an fhreagairt sin agus chaidh e air bòrd bàta is sheòl e thairis. Thill e an ceann cóig bliadhna agus chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i toilichte leis idir. Chaidh e a faicinn agus thug i fuasgladh a facail mu dheireadh:

Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhùird,
A dhùininn an uinneag,
Is a smàlainn an teine ...
agus cha do chùm sin fada mise
ach bha thus cho mì-fhoighidneach.

Cruidheadh an eich

Chaidh fear do ghobhainn gus a each a chruidheadh is thuirt e ris a' ghobhainn:

Thoir dhen each na cruidhean a tha air,
Cruidh e leis na cruidhean a tha air,
Ach na cuir air na cruidhean a tha air.
  • Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.

Fionn 's am bruthach

Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.

  • Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.


Cladh Cill-Dà-Bhi, Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì, A-nochd is dubhach Doirbhean, An déidh na cloinne caoimhe.

> Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.

Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.

> Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.

Thiodhlaic mi mo naoi nigheannan mar sheachdnar, An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.

> Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm. Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:

Theirig dhachaidh agus ith do shàth, Na ith an t-aran a tha briste, Is na bris an t-aran a tha slàn.

> Rinn an searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.