An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dubh-fhacail"
(Created page with "==An gille 's a' chaileag== Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo...") |
|||
Loidhne 13: | Loidhne 13: | ||
:agus cha do chùm sin fada mise | :agus cha do chùm sin fada mise | ||
:ach bha thus cho mì-fhoighidneach. | :ach bha thus cho mì-fhoighidneach. | ||
+ | |||
+ | ==Cladh Cill-Dà-Bhi== | ||
+ | Cladh Cill-Dà-Bhi, | ||
+ | Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì, | ||
+ | A-nochd is dubhach Doirbhean, | ||
+ | An déidh na cloinne caoimhe. | ||
+ | |||
+ | *Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm. | ||
==Cruidheadh an eich== | ==Cruidheadh an eich== | ||
Loidhne 22: | Loidhne 30: | ||
*Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin. | *Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin. | ||
− | == | + | ==Deoch-slàinte== |
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
− | |||
Deoch slàinte an ainmig nach dig, | Deoch slàinte an ainmig nach dig, | ||
A-nis, ged is minig a thàinig, | A-nis, ged is minig a thàinig, | ||
Loidhne 40: | Loidhne 36: | ||
Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig. | Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig. | ||
− | + | *Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda. | |
+ | |||
+ | ==Fionn 's am bruthach== | ||
+ | Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh. | ||
+ | |||
+ | *Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn. | ||
− | Thiodhlaic mi mo | + | ==Naoidh nigheannan== |
+ | Thiodhlaic mi mo naoidh nigheannan mar sheachdnar, | ||
An Cille-mo-Neachdain ann an Ì. | An Cille-mo-Neachdain ann an Ì. | ||
− | + | *Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm. | |
+ | |||
+ | ==A' bhana-mhaighstir 's an t-searbhanta== | ||
Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine: | Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine: | ||
− | Theirig dhachaidh agus ith do shàth, | + | :Theirig dhachaidh agus ith do shàth, |
− | Na ith an t-aran a tha briste, | + | :Na ith an t-aran a tha briste, |
− | Is na bris an t-aran a tha slàn. | + | :Is na bris an t-aran a tha slàn. |
− | + | *Rinn an t-searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige. | |
+ | <br /> | ||
+ | <br /> | ||
+ | {{BeaganGaidhlig}} |
Am mùthadh mu dheireadh on 15:53, 19 dhen Dùbhlachd 2011
An gille 's a' chaileag
Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo:
- An uair a thogas mi an lìon,
- A leagas mi a' ghlainne,
- Is a chuireas mi am marbh a thiodhlaiceadh a' bheò.
Chaill an gille a dhòchas leis an fhreagairt sin agus chaidh e air bòrd bàta is sheòl e thairis. Thill e an ceann cóig bliadhna agus chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i toilichte leis idir. Chaidh e a faicinn agus thug i fuasgladh a facail mu dheireadh:
- Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhùird,
- A dhùininn an uinneag,
- Is a smàlainn an teine ...
- agus cha do chùm sin fada mise
- ach bha thus cho mì-fhoighidneach.
Cladh Cill-Dà-Bhi
Cladh Cill-Dà-Bhi, Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì, A-nochd is dubhach Doirbhean, An déidh na cloinne caoimhe.
- Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
Cruidheadh an eich
Chaidh fear do ghobhainn gus a each a chruidheadh is thuirt e ris a' ghobhainn:
- Thoir dhen each na cruidhean a tha air,
- Cruidh e leis na cruidhean a tha air,
- Ach na cuir air na cruidhean a tha air.
- Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.
Deoch-slàinte
Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.
- Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.
Fionn 's am bruthach
Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.
- Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.
Naoidh nigheannan
Thiodhlaic mi mo naoidh nigheannan mar sheachdnar, An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.
- Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
A' bhana-mhaighstir 's an t-searbhanta
Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:
- Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
- Na ith an t-aran a tha briste,
- Is na bris an t-aran a tha slàn.
- Rinn an t-searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.