An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dubh-fhacail"

O Goireasan Akerbeltz
Jump to navigation Jump to search
(Created page with "==An gille 's a' chaileag== Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo...")
 
 
Loidhne 13: Loidhne 13:
 
:agus cha do chùm sin fada mise
 
:agus cha do chùm sin fada mise
 
:ach bha thus cho mì-fhoighidneach.
 
:ach bha thus cho mì-fhoighidneach.
 +
 +
==Cladh Cill-Dà-Bhi==
 +
Cladh Cill-Dà-Bhi,
 +
Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì,
 +
A-nochd is dubhach Doirbhean,
 +
An déidh na cloinne caoimhe.
 +
 +
*Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
  
 
==Cruidheadh an eich==
 
==Cruidheadh an eich==
Loidhne 22: Loidhne 30:
 
*Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.
 
*Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.
  
==Fionn 's am bruthach==
+
==Deoch-slàinte==
Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.
 
*Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.
 
 
 
 
 
 
 
Cladh Cill-Dà-Bhi,
 
Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì,
 
A-nochd is dubhach Doirbhean,
 
An déidh na cloinne caoimhe.
 
 
 
> Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
 
 
 
 
Deoch slàinte an ainmig nach dig,
 
Deoch slàinte an ainmig nach dig,
 
A-nis, ged is minig a thàinig,
 
A-nis, ged is minig a thàinig,
Loidhne 40: Loidhne 36:
 
Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.
 
Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.
  
> Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.
+
*Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.
 +
 
 +
==Fionn 's am bruthach==
 +
Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.
 +
 
 +
*Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.
  
Thiodhlaic mi mo naoi nigheannan mar sheachdnar,
+
==Naoidh nigheannan==
 +
Thiodhlaic mi mo naoidh nigheannan mar sheachdnar,
 
An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.
 
An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.
  
> Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
+
*Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
 +
 
 +
==A' bhana-mhaighstir 's an t-searbhanta==
 
Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:
 
Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:
  
Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
+
:Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
+
:Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn.
+
:Is na bris an t-aran a tha slàn.
  
> Rinn an searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.
+
*Rinn an t-searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.
 +
<br />
 +
<br />
 +
{{BeaganGaidhlig}}

Am mùthadh mu dheireadh on 16:53, 19 dhen Dùbhlachd 2011

An gille 's a' chaileag

Chunnaic gille caileag bhrèagha 'na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist oirre an déid i leis air chuairt. Dh'fhreagair a’ chaileag mar seo:

An uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a' ghlainne,
Is a chuireas mi am marbh a thiodhlaiceadh a' bheò.

Chaill an gille a dhòchas leis an fhreagairt sin agus chaidh e air bòrd bàta is sheòl e thairis. Thill e an ceann cóig bliadhna agus chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i toilichte leis idir. Chaidh e a faicinn agus thug i fuasgladh a facail mu dheireadh:

Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhùird,
A dhùininn an uinneag,
Is a smàlainn an teine ...
agus cha do chùm sin fada mise
ach bha thus cho mì-fhoighidneach.

Cladh Cill-Dà-Bhi

Cladh Cill-Dà-Bhi, Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì, A-nochd is dubhach Doirbhean, An déidh na cloinne caoimhe.

  • Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.

Cruidheadh an eich

Chaidh fear do ghobhainn gus a each a chruidheadh is thuirt e ris a' ghobhainn:

Thoir dhen each na cruidhean a tha air,
Cruidh e leis na cruidhean a tha air,
Ach na cuir air na cruidhean a tha air.
  • Thug e na ceann chruidhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na cruidhean ùra air leis an òrd an uair sin.

Deoch-slàinte

Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.

  • Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.

Fionn 's am bruthach

Cha do dhìrich Fionn bruthach a-riamh, agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.

  • Ghabh e a h-uile bruthach air a tarsainn.

Naoidh nigheannan

Thiodhlaic mi mo naoidh nigheannan mar sheachdnar, An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.

  • Chaidh dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.

A' bhana-mhaighstir 's an t-searbhanta

Thuirt bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:

Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn.
  • Rinn an t-searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach bonnaige.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean