http://www.akerbeltz.org/index.php?title=Cr%C3%ACoch_a%27_bhodaich&feed=atom&action=historyCrìoch a' bhodaich - Eachdraidh nam mùthaidhean2024-03-28T17:25:07ZEachdraidh nam mùthaidhean airson na duilleige seo air an uicidhMediaWiki 1.35.11http://www.akerbeltz.org/index.php?title=Cr%C3%ACoch_a%27_bhodaich&diff=439&oldid=prevAkerbeltz: Created page with "Cluich airson buidheann cloinne. Théid aonan a thaghadh ris an canar "Am Bodach" agus crìoch air a chomharrachadh am meadhan an raoin, an dàrna fear airson a' Bhodaich agus a..."2011-12-18T18:19:51Z
Created page with "Cluich airson buidheann cloinne. Théid aonan a thaghadh ris an canar "Am Bodach" agus crìoch air a chomharrachadh am meadhan an raoin, an dàrna fear airson a' Bhodaich agus a..."

Duilleag ùr

Cluich airson buidheann cloinne. Théid aonan a thaghadh ris an canar "Am Bodach" agus crìoch air a chomharrachadh am meadhan an raoin, an dàrna fear airson a' Bhodaich agus am fear eile airson nam bó. Feumaidh am Bodach seasamh gu math fad air falbh bhon chrìch agus na bà cho faisg oirre 's a ghabhas. Théid cuid dhiubh thairis air a' chrìoch gu taobh a' Bhodaich an uairsin agus iad a' tòiseachadh air am feur a spioladh is a' dlùthachadh dhà. Eughaidh iad an uairsin:

Tha mi air do chrìch, a Bhodaich, ag ithe do chuid feòir!

[[Image:criochabhodaich.jpg|center]]

Ruithidh am Bodach ás an déidh a-nis agus feuchaidh e ri sgiobag a thoirt dhaibh. Ma théid aige, nì e Bodach dhen duine ud agus thig crìoch air a' chluich nuair nach eil ann ach Bodaich.

{{BeaganGaidhlig}}
Akerbeltz