Conaltradh nam beathaichean
A' bhuidheag-bhealaidh
(The Yellowhammer)
A ghille bhig chrìn, a ghille bhig chrìn, Till, till, till, till, Na creach mo nead, na creach mo nead, No théid thu dhi, no théid thu dhi. |
Mean little boy, mean little boy, Come back, come back, come back, Don't plunder my nest, don't plunder my nest, Or you will be destroyed, or you will be destroyed. |
Chuala mi comhart aig an doras, Có a rinn an comhart aig an doras? Rinn an cù an comhart aig an doras.
Chuala mi geum anns a' bhàthaich, Có a rinn an geum anns a' bhàthaich? Rinn a' bhó an geum anns a' bhàthaich.
Chuala mi sitir anns an stàball, Có a rinn an sitir anns an stàball? Rinn an t-each an sitir anns an stàball.
Chuala mi gogail anns an t-sabhal, Có a rinn a' ghogail? Rinn a' chearc a' ghogail anns an t-sabhal.
Chuala mi mèilich air a' chnoc, Có a rinn a' mhèilich? Rinn a' chaora a' mhèilich air a' chnoc.
Chuala mi meageadaich anns a' chreig, Có a rinn a' mheigeadaich anns a' chreig? Rinn a' ghobhar a' mheigeadaich anns a' chreig.
Chuala mi langan air a' bheinn, Có a rinn an langan air a' bheinn? Rinn am fiadh an langan air a' bheinn.
Chuala mi ceilear binn air a' gheig, Có a rinn an ceilear binn air a' gheig? Rinn an smeòrach ceilear binn air a' gheig.
Chuala mi guileag air an loch, Có a rinn a' ghuileag air an loch? Rinn an eala a' ghuileag air an loch.
Chuala mi gròc anns a' ghleann, Có a rinn an gròc anns a' ghleann? Rinn am fitheach dubh an gròc anns a' ghleann.
Chuala mi srann air a' mhachair, Có a rinn an srann air a' mhachair? Rinn an seillean srianach an srann air a'
mhachair.