CÀBHA

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Lèirmheas mar a bha e 00:05, 10 dhen t-Samhain 2013 le Susanharris (Deasbaireachd | mùthaidhean)

(diof) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diof) | Mùthadh nas ùire → (diof)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Seo dhut CÀBHA Akerbeltz agus chan e deoch a tha ann ach Ceistean Àbhaisteach na làraich!

Carson a tha a’ Bheurla cho gann is cho beag?

Mhothaich sinn gum bithear a’ leughadh cànan an dara chuid Gàidhlig no Beurla ma tha duilleag gach aon ann. Oir is e "Gàidhlig air beul an t-sluaigh" mar shuaicheantas againn, bha sinn a’ lorg dòigh anns am bhite a’ leughadh barrachd Gàidhlig na Beurla gun ghluasad eadar duilleagan eadar-dhealaichte. Tha a’ Bheurla air an aon duilleig còmhla ris a’ Ghàidhlig mar sin, ach cho gann is ann an àite nas "iomallaiche" no litrichean nas lugha na a’ Ghàidhlig.

Carson nach eil sinn a’ leantail GSG (Gnàthasan Sgrìobhaidh na Gàidhlig) gu dlùth?

Tha tòrr stuth air ur duilleagan dhan luchd ionnsachaidh. Nì riaghailtean GSG a’ chùis do dh'fhileantaich, ach chan eil iad buileach cho freagarrach dhan luchd-ionnsachaidh. Tha a’ mhór-chuid dhiubh ag ràdh gum bheil eadar-dhealachadh ó/ò agus é/è ’gan cuideachadh, gum bheil na faclan giorraichte (mar ri am > rim) no rudan eile mar sin a’ cur dragh orra a thaobh leughadh agus fuaimneachadh.

Agus tha mearachdan is beàrnan ann an GSG a bharrachd air sin agus cha mhothaich an luchd-tòiseachaidh do ghrunn dhiubh sa bhad. Agus tha e 'na fheallsanachd dhuinn gun a bhith a' toirt seachad mearachdan fhad 's urrainn dhuinn.

S e co-réiteachadh a thaobh ghnàthasan sgrìobhaidh ann an iomadh dòigh a tha sinn ’ga chleachdadh mar sin - cuimhnich nach eil gnàthas-sgrìobhaidh air an t-saoghal a chòrdas dhan a h-uile!

Why is there so little English and in such small letters?

If there are separate pages for each language, we noticed that people would tend to read either the one or the other. Since "Gaelic on the lips of the people" is our motto, we have tried to find a way to maximise the presence of Gaelic for everyone who views these pages without having to shift between pages. That's why the English is found on the same page as the Gaelic, but there's less of it, and it's just that little bit more difficult to get to it or it's in smaller letters than the Gaelic.

Why aren’t we strictly following the GOC (Gaelic Orthographic Conventions)?

A lot of our pages are designed for Gaelic learners. The GOC rules are all very well for native speakers, but many learners find them unhelpful. A lot of Gaelic learners say they find distinctions like ó/ò and é/è helpful, and that they report that abbreviated particles, like ri am > rim, or other things are not helpful when trying to read or pronounce Gaelic.

Also, there are lots of gaps and errors in GOC that are not so obvious to learners and as a matter of principle, we do not want to give you errors.

So, in some ways, the way we spell is an attempt at a compromise - and please remember that there is no spelling in the world that has no opponents!