Buaileam ort
Am mùthadh mar a bha e 19:17, 18 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "Seo gleus tradaiseanta airson clann a roinneadh ann an dà bhuidheann. center Buailidh (gu socair!) aonan slat no geug air aonan eile 's e/i ag ràgh "Buai...")
Seo gleus tradaiseanta airson clann a roinneadh ann an dà bhuidheann.
Buailidh (gu socair!) aonan slat no geug air aonan eile 's e/i ag ràgh "Buaileam ort!" agus am fear no té eile a' freagairt "Leigidh mi leat!" is glacaidh e no i air an t-slat dìreach os cionn làimh a' bhualadair. Cuiridh am bualadair a làimh eile os a cionn agus an uair sin am fear no té eile, làmh an déidh làimhe gus an ruigear ceann eile na slaite. Bheir an neach buaidh aig a bhios an làn glaice mu dheireadh dhen t-slat. Bidh a' chiad chothrom taghaidh aig an neach a thug a' bhuaidh agus an uair sin fear mu seach gus am bi a h-uile duine air an roinneadh ann an dà bhuidheann.