Amalaidhean-cainnte

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 16:16, 21 dhen t-Samhain 2011 le Akerbeltz (Deasbaireachd | mùthaidhean) (D)
Jump to navigation Jump to search

Susbaint

A

Abair Mac an Aba gun do chab a ghobadh. Say MacNab without pursing your lips.
Abair ibear abair gun do chab a dhùnadh. Say ibear-abair without closing your mouth.
Am faca tu 'm bacach,
no 'm faca tu 'mhac,
chan fhaca mi 'm bacach,
's chan fhaca mi 'mhac,
ach nam faicinn-sa 'm bacach,
no nam faicinn-sa 'mhac,
cha bhagrainn air a' bhacach,
's cha bhagrainn air a mhac.
Did you see the cripple,
Or did you see his son,
I didn't see the cripple,
Nor did I see his son,
If I see the cripple,
Or if I see his son,
I won't threaten the cripple,
not will i threaten his son.
Arsa Doug beag bog: rug gob beag bog gogag bheag bhog. Little soft Doug said: a small soft beak caught a small soft silly woman.

B

Baraill am broinn baraille 's baraill Bail' Ailein. A barrel in a barrel and the barrel of Baile Ailein.
Bha bean aig Joe,
's bha banjo aig Joe,
's bha banjo aig bean Joe,
b' fhearr Joe air a' bhanjo gun deoch,
na bean Joe air a' bhanjo gun deoch.
Joe had a wife,
And Joe had a banjo,
And Joe's wife had a banjo,
Joe was better on the banjo without a drink,
Than Joe's wife was on the banjo without a drink.
B' e sin urras gun earras mis' a dhol an urras ort-sa. It would be surety without capital for me to stand surety for you.
Bha neach a' dol air turas. Ruith a choimhearsnach 'na dhéidh is dh'innis e dha mu thubaiste a thachair. Dh'fhreagair am fear eile 'na chabhaig mar seo:

Bàth an àth, mas e m' àth-sa i,
Bhàthainn-sa i, nam b' e d' àth-sa i.
A man went on a trip. His neighbour ran after him to tell him about an accident. The other one answered the follwing in haste:
Extinguish the kiln, if it is my kiln,

If it was my kiln, I would extinguish it.
Bithidh an luaithreachan luaithre 'na uallachan gille. The little active one in the ashes will be a jaunty boy.

C

Chac cearc air an sparr,
pàirt dheth dubh is pàirt dheth bàn.
A hen shat on the spar,
part of it black and part of it white.
Cat bruc breac donn,
cat cam cam-earblach,
a h-aon deug de chait bhruca bhreaca dhonna,
cait chama cham-earblach.
A dark grey and brown spotted cat,
a crooked tailed cat,
eleven of dark grey and brown spotted cats,
crooked tailed cats.
Cat dubh breac donn,
cat crom cam-earballach,
trì chait dheug de chait dhubha bhreaca dhonna,
cait chroma cham-earballach.
A black and brown spotted cat,
a bent crooked tailed cat,
thirteen black and brown spotted cats,
bent cats with crooked tails.
Cha robh laogh ruadh luath riamh 's cha robh laogh luath riamh reamhar. A brown calf was never swift and a swift calf was never fat.
Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. There has never been a broad grey fat ram.
Cha snàth mo mhnatha-sa e ach is snàth do mhnatha-sa e. It isn't my wife's thread but your wife's thread.
Chleachd a' chearc dhubh a bhith 'breith anns a' chliabh
agus chleachd a' chearc liath 'bhith 'breith anns a' chrodh.
The black hen used to lay in the basket
and the grey hen used to lay in the cattle fold.
Cù dubh stubhach, cù dubh gun earball. A short-tailed black dog, a dog without tail.

D

Dà chloich air muin cloich agus clach air trì clachan. Two stones on top of a stone and a stone on three stones.
Dà iolair air iolainn,
iolair fhireann 's iolair bhoireann.
Two eagles frolicking,
a male eagle and a female eagle.
Dh'ith damh dubh ugh amh air nèamh. A black oxen ate a raw egg in heaven.
Donnchadh Mòr is an cù is an cat
is a bhrù air at cho mòr ri poit
is a phìob làn tombaca 's e feadaireachd.
Big Duncan and the dog and the cat
and his belly swollen immensly
and his pipe full of tobacco and him whistling.

F

Faca tu saor an t-sàbhaidh,
faca tu sàbh an t-saoir,
faca tu saor an t-sàbhaidh,
saor an t-sàbhaidh, sàbh an t-saoir.
Did you see the joiner of the sawing,
did you see the saw of the joiner
did you see the joiner of the sawing
the joiner of the sawing, the saw of the joiner.

T

Tha ceann-tughaidh aig trì taighean a tha shìos aig taobh an tuinne. The three houses down by the wave have a straw thatch.
Tha gob fada air a' bhudagochd, tha am budagochd gun ghob. The woodcock has a long beak, the woodcock has no beak.
Tha ite na circe brice ann an ciste mo sheanmhar. The feather of the spotted chicken is in my grandmothers chest.

U

Ubhal bog abaich dubh,
's ubhal dubh bog abaich
A soft ripe black apple,
and a black soft ripe apple.
Uisge blàth bog a' tighinn á gob a' cheatail. Warm soft water coming from the kettle spout.
Uisge blàth bog a' tighinn á gob a' choire. Warm soft water coming from the kettle spout.